Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Calum MacNèill bho 1995

Seirbheis Didòmhnaich na Càisg bho1995 còmhla ris a' Chanan Calum MacNèill (nach maireann). Easter Sunday service from 1995, conducted by the late Canon Calum MacNeil.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Solas na Grèine air a sheinn le Còisir Eaglais Peadar ann an Dalabrog
'S e Do Bheatha, Mhoire Mhaighdeann air a sheinn le Mairead NicNèill, Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh
'S e 'n Tighearna Fhèin Mo Chìobair air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath
'S e 'n Tighearna Mo Bhuachaille air a sheinn le Criosaidh NicDhòmhnaill

Leughaidhean: Soisgeul Eòin 20: 1-9, Gnìomharan nan Abstol 10: 34-41 & 43, Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Colosianach 3: 1-4

Rugadh Mgr Calum ann am baile Ghlaschu ann an 1921, ach ged a chaidh a thogail anns a' bhaile mhòr rinn a phàrantan cinnteach gum biodh eòlas aige air a' chànan agus air a' chultar dom buineadh iad fhèin.

Fhuair e foghlam aig Acadamaidh Naomh Mungo agus cho-dhùin e an uairsin gu robh e airson a bhith na shagart. Aig an àm sin bha an t-uabhas shagairtean ann an Sgìr'-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean agus chuir e roimhe gun deigheadh e gu òrdan nan Salesianach mar mhiseanaraidh ann an 1938. Bha òrdan nan Salesianach gu mòr a' coimhead às dèidh clann òg a bha fuireach air na sràidean.

Chuir Mgr Calum seachad seachd bliadhna ann an Colaiste Miseanaraidh nan Salesianach ann an Shrigley far an robh e fhèin ag ionnsachadh agus e cuideachd a' teagasg nan oileanach. Chaidh a chur gu Turin ann an 1945 airson an teisteanas ann an Diadhachd a chrìochnachadh agus chaidh a dhèanamh na shagart anns an Iuchair 1949.

Thill e a Shasainn far an robh e a' teagasg a-rithist ann an Shrigley agus ann an Farnborough agus ann an 1957 chuir e iarrtas gu Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean agus e airson a bhith na shagart anns a' sgìr'-easbaig sin.

'S ann gu Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog a chaidh a chur an toiseach còmhla ri Mgr Niall MacCeallaig agus bha muinntir na paraiste glè dhèidheil air. Cho fad 's a bha e ann an Dalabrog thug e dannsa gàidhealach beò a-rithist am measg an t-sluaigh agus tha cuid de na dannsairean sin a cheart cho aotram air an casan san là-'n-diugh! Chaidh e a Bharraigh airson ùine ghoirid mus deach a chur na shagart-paraiste a dh'Eirisgeidh. Bha ùidh shònraichte aige anns an eilean sin, agus tha sin gu math follaiseach anns an leabhar a thug e mach de dheilbh a rinn e fhèin de mhuinntir an àite, Aodannan Eirisgeidh. 'S e neach-ealain sgileil a bh' ann agus rinn e cuideachd deilbh air sglèat a bha a' riochdachadh Slighe na Croise agus bha iad sin crochte, gu bho chionn ghoirid, air Creag an Fhaing anns an Acarsaid. Bha ùidh mhòr aige anns an òigridh (bhitheadh sin air leantainn ris bho bha e ann an òrdan nan Salesianach) agus cuideachd ann an Eich Eirisgeidh. B' esan a chur air chois Comann Eich Eirisgeidh .

Chuir e seachad ùine cuideachd a' frithealadh pharaistean a' Bagh a Tuath, Bheinn a' Bhaoghla, Ghlinn Fhionghain, Cheann Loch Chille Chiarain, agus mu dheireadh Onich. Air sgàth a shlàinte leig e dheth a dhreuchd mar shagart paraiste ach bhiodh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm a' leigeil leis na sagairt eile làithean-saora a ghabhail .

Bha e na neach-ealain, na sgrìobhaiche agus na neach aig an robh uidh mhòr ann an eachdraidh agus cuideachd n neach-ciùil a bha a' cluich agus a' teagasg na clàrsaich. Chithear an obair-ealain aige san uinneag mhòr ann an Eaglais Ghleann Fhionghain a dhealbh e fhèin.

Bhàsaich Mgr Calum air an là mu dheireadh den bhliadhna 2003.

30 minutes

An Canan Calum MacNèill

An Canan Calum MacNèill

An Canan Calum MacNèill

An Canan Calum MacNèill

Broadcast

  • Sun 20 Apr 2014 21:00