An t-Urr Iain Fearghasdan 2001
Seirbheis bho 2001 còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan nach maireann, Eaglais na h-Alba. Gaelic archive service with the late Rev John Ferguson, Portree Church of Scotland (2001).
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 3: 14-22
An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath sa Mhà irt 1937. An dèidh dha an sgoil fhà gail bha e ag obair an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an à m sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thà inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste am Faith Mission an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dà mhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanal ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far am biodh e a' searmonachadh bho à m gu à m.
Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhà il ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Bhà saich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Grunn bhliadhnaichean air ais chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhà saich e agus air na chuir Oighrig crìoch.
Last on
An t-Urr Iain Fearghasdan nach maireann
Broadcasts
- Sun 13 Apr 2014 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jun 2020 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal