Dotair a' Chamara - An Dotair Coinneach Robasdan
Ann am baga an Dotair Robasdan bha cungaidhean-leighis, innealan-obrach agus camara. Dr Robertson's bag contained medicines, a stethoscope and, equally important, his camera.
Rugadh an Dotair Robasdan ann an Dùn Èideann ann an 1921 agus chaidh a thogail anns a' bhaile sin gus an do cheumnaich e na dhotair ann an 1946. 'S e einnseanair a bha na athair agus neach-ciùil a bha na mhà thair, a' toirt togail dha ann an dà shaoghal gu math fada bho chèile - chan eil fhios an e sin a thug air fhèin a bhith cho sgileil leis an sgithinn ann an aon là imh agus saoghal nan ealain anns an là imh eile? Às dèidh ceumnachadh bha obair aige an toiseach ann an ospadal ann an Cille Mhearnaig, an uairsin ann an Inbhir Pheofharain gus an d' fhuair e an obair ann an Ospadal Dhalabroig far an robh e mar phà irt de sgioba còmhla ris an Dotair Alasdair MacIlleathain airson iomadh bliadhna.
Bha an Dotair air a dhòigh buileach glan ann an Uibhist oir bha obair ann an coimhearsnachd iomallach agus bha sin a' toirt cothrom dha a bhith dlùth do dhaoine agus don à rainneachd, dà rud a bha là idir na chridhe fhèin agus cuideachd a bha na bhuannachd do chur-seachad eile a bh' aige fad a bheatha - se sin an camara. Bha athair roimhe cuideachd dèidheil air a bhith ag obair le camara agus lean sin ris an Dotair Robasdan. An toiseach, 's ann a' faighinn iasad de chamara athair a bhiodh e gus na cheannaich e fhèin fear neo dhà .
Thà inig na sgilean aig an Dotair Robasdan mar dhotair, neach-camara agus fear aig an robh ùidh ann agus a' toirt cùram do mhuinntir na coimhearsnachd, am follais aig ìre gu math trà th na bheatha ann an Uibhist. Ged a bha e fhèin agus an Dotair Alasdair MacIlleathain stèidhichte aig Ospadal Dhalabroig, bha an obair aca cuideachd gan toirt a-mach dhan choimhearsnachd. B' ann an Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeigh a bu mhotha a bhiodh iad, agus tha sin gu math follaiseach anns a' chruinneachadh dheilbh aig an Dotair Robasdan.
Bha muinntir Uibhist a Deas agus Èirisgeigh cleachdte gu leòr a bhith ga fhaicinn a' nochdadh le baga agus le camara air a ghualain! Ach 's iongantach gun thuig iad cho cudromach agus cho prìseil sa bha na deilbh sin gu bhith anns na bliadhnaichean air thoiseach, deilbh a ghlac sealladh air dòigh beatha nan daoine agus an à ite agus a tha an-diugh nan eachdraidh phrìseil dhan ath ghinealach.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
An Dotair Robasdan
An Dotair Robasdan
Broadcasts
- Thu 20 Mar 2014 13:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 20 Mar 2014 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Mar 2014 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Christmas Day 2014 11:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Christmas Day 2014 18:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal