Main content
Sorry, this episode is not currently available

07/03/2014

Tha leth cheud bliadhna ann bho sgèith Mary Poppins a-steach do thaigh ann an Lunnain. Aileag marks 50 years since Mary Poppins flew into a house in London.

Tha Aileag a' còmharrachadh leth cheud bliadhna bhon a sgèith Mary Poppins a-steach do thaigh teaghlach ann an Lunnainn agus a dh'ionnsaich sinn am facal supercalifragilistic. Tha Mairead Nic a' Ghobhainn a' cuimhneachadh na sgèoil dhuinn agus na h-òrain ainmeil a bh'anns a' film, nam measg A Spoonful of Sugar, Chim Chim Cher-ee agus The Perfect Nanny.

Tha Katie Nic A' Phì air a bhith a' faighinn a-mach mun film Escape From Planet Earth a tha ri fhaicinn anns na taighean-deilbh bhon an-diugh. Chan e daoine, ainmhidhean no lego a th'anns na gaisgeach a tha a-nochdadh anns a' film seo, ach creutairean aig a bheil an dearg eagal bhon Phlanaid Dhorcha - sin an saoghal againn fhìn, an cruinne-cé.

Agus anns an t-shreath air dreuchdan tha Shona a' faighinn a-mach bho Alasdair Mac a' Bhiocair dè a tha an lùib obair meacanaig charbadan. Aileag còmhla ri Aileen agus a càirdean. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 8 Mar 2014 12:03

Broadcasts

  • Fri 7 Mar 2014 16:03
  • Sat 8 Mar 2014 12:03