Main content
Sorry, this episode is not currently available

01/11/2013

Ro-shealladh dhen phrògram Katie Mòrag a chì sinn air CBeebies Didòmhnaich 's a tighinn. A preview of the televison programme Katie Morag scheduled on CBeebies next Sunday.

Ro-shealladh dhen phrògram Katie Mòrag a chì sinn air CBeebies Didòmhnaich 's a tighinn. Fhuair
Janice Ann cothrom coinneachadh ri Katie Mòrag agus a dhol cuairt timcheall an t-seata far an deach am prògram a dhèanamh. Cuideachd cluinnidh sinn mar a fhuair Daniel Macleòid agus Hannah Nicleòid à Leòdhas cothrom a' chiad dà phrògram fhaicinn agus bheir iad am beachdan fhèin air.

Agus b'e seo an t-seachdain a bha Oidhche Shamhna ann am bliadhna. An deachaidh sib' fhèin a-mach ann an èideadh coimheach oidhch' Dhiardaion? Cluinnidh sinn mar a tha sgoilearan Lacasdal ann an Leòdhas a' comharrachadh oidhche Shamhna agus partaidhean is eile a' dol thairis air an deireadh sheachdain. Cuideachd tha Màiri Nicillinnein air a bhith a' faighinn a-mach beagan mun oidhche iargallta seo agus mar a thòisich e.

Agus 's e Foileagan Granaidh Chàrlabhaigh reasabaidh na seachdain 's a. Chaidh iad sin a dhèanamh le Amy NicSuain às Na Hearadh. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 2 Nov 2013 12:03

Broadcasts

  • Fri 1 Nov 2013 16:03
  • Sat 2 Nov 2013 12:03