Main content
Sorry, this episode is not currently available

23/08/2013

Tha sgoilearan Shlèite ag innse mun chiad latha aca anns an sgoil. bbc.co.uk/aileag. Sleat schoolchildren talk about their first day at school.

Tha sgoilearan Shlèite anns an Eilean Sgitheanach ag innse mun chiad latha aca anns an sgoil.

Tha Hannah Nicleòid air a bhith a' leughadh Harry the Poisonous Centipede's Big Adventure a sgrìobh Lynne Reid Banks. Tha Harry an ceud-chasach ann an trioblaid mhòr. A dh'aindeoin's rabhaidhean bho a mhàthair, tha e a' fàgail an dachaigh shàbhailte aige fon talamh. Tha Hoo-Min, a bhios a' cruinneachadh bhiastagan beaga, a' glacadh Harry agus a charaid George agus gan glasadh am broinn sileagan glainne. Fiù's nuair a gheibh iad ma sgaoil tha mòran fiolain ghoireasachail eile gam feathamh. Saoil am faigh iad dhachaigh mas teid an glacadh a-rithist?

Agus mar a bheil sin eagalach gu leòr dhuibh tha sinn a' coinneach le Kelly an Tarantula, am peata aig Ross à Inbhirnis.

Agus airson ar cumail air oir an t-seathair tha Charlotte air a bhith a' faighinn a-mach mun film ùr Jurassic Park 3D. Tha duine beartach air pàirc fhaoin-chleasan a chruthachadh air Eilean agus tha e làn dìneasaran. Tha e a' fiathachadh dhaoine eile gus beachdachadh air na chruthaich e agus gu mì fhortannach tha cùisean a' dol ceàrr. Saoil a' bheil duine air am fàgail beò 'sa phàirce mas tig an heileacoptair gan iarraidh.

Cuideachd tha sreath ùr againn an t-seachdain 'sa far a bheil Calum a' faighinn a-mach mu dhiofar ionnstraidean ciùil a' tòiseachadh an-diugh leis an fhidheal. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 24 Aug 2013 12:03

Broadcasts

  • Fri 23 Aug 2013 16:03
  • Sat 24 Aug 2013 12:03