13/08/2013
Cuairt air Caisteal Leòdhais agus an dà rna earrainn dhen obair togail gus toiseachadh. A tour of Lews Castle in Stornoway as the next stage of the building work commences.
Chaidh Caisteal Leòdhais a chleachdadh mar à ite-còmhnaidh, mar ospadal agus bho chionn trì fichead bliadhna air ais dh'fhosgail i mar sgoil. Ach bho chionn bliadhnaichean mòr a-nis tha an caisteal air a bhith falamh agus a' tuiteam as a chèile. An-diugh tha Coinneach MacIomhair air cothrom fhaighinn cuairt a ghabhail timcheall a' chaisteal agus i a-nis aig ìre far a bheil an dà rna earrainn dhan obair togail dìreach gus tòiseachadh. Anns a' phrògram tha seann eòlaich air an à ite air tilleadh air ais còmhla ri Coinneach airson cuimhneachadh air na lathaichean sona a chuir iad fhèin seachad ann nan sgoilearan agus nan luchd obrach. Iain MacÌomhair a bha na sgoileir agus a dh'fhuirich fo na cabair, Mal MacLeòid a bha a' teagasg obair-aodaich, Cathie NicUilleam a bha na còcaire, Murchadh MacLeòid a bha a' teagasg obair einnseanaireachd, An Caiptean Calum MacIlleathain a bha a' teagasg maraidheachd agus Catriona Stiùbhart a bha cuideachd a' fuireach ann. B'e athair Chatriona a bha aig aon à m na cheann-sgoile air a' chaisteal. Fhuair Coinneach cuideachd facal ri Jo Mac a' Phì, Ceannard Leasachaidh Eaconamachd Chomhairle nan Eilean Siar. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Aug 2013 09:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 13 Aug 2013 21:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal