05/08/2013
An-diugh Litir à Niribhidh còmhla ri Mà iri NicNèill-Lande is Sgoil Bhà rdachd na Comraich. Today a Letter from Norway with Mà iri MacNeil-Lande and the Applecross Bardic School.
An-diugh Litir à Niribhidh còmhla ri Mà iri NicNèill-Lande agus i ag innse dè na naidheachdan mòra agus inntinneach a tha a' dol san dùthaich.
Tha Dòmhnall Fearghasdan a' toirt sealladh dhuinn air dè bhios a' dol aig Sgoil Bhà rdachd na Comraich, còig latha de bhà rdachd 's de dheasbad, Diluain gu Dihaoine sa tighinn. Am measg nan cuspairean tha bà rdachd Dhonnchaidh Bhà in, bà rdachd na Comraich, nà dar ann am bà rdachd agus a' sgrìobhadh bà rdachd airson clann. An là thair aig an Sgoil tha na bà ird Anna Latharna NicIlliosa, Meg Bateman agus Roddy Gorman.
A' leantainn air sreath nan tractaran, tha Seòras Macleòid à Carlabhagh ann an Leòdhas a' sealltainn do Choinneach an cruinneachadh aige fhèin. An lùib a' chruinneachaidh tha Belarus agus Landini.
Agus ann an sreath nam batail tha Iain MacAmhlaigh còmhla ri Coinneach aig là rach Blà r Drocheid Bothwell a thachair air an dà rna latha fichead den Ògmhìos 1679. B'ann eadar arm an riaghailtais agus arm nan Cùmhnantach a bha am batal. Chaidh an t-sabaid air adhart aig drocheid air Abhainn Chluaidh ann a Hamilton ann an Lannraig a Deas faisg air Bothwell. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Aug 2013 09:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 5 Aug 2013 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal