02/12/2012
2/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1994 còmhla ris an Urr M A MacLeòid bhon Eaglais Shaor. Gaelic archive service from 1994 conducted by Rev MA Macleod, Free Church.
Air an t-seachdain seo cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach sa Chèitein 1994. 'S e seo an dà rna seirbheis a chaidh a chlà radh còmhla ris an Urr Murchadh Aonghas MacLeòid nuair a bha e na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 11-13 air fonn Moravia , os cionn na seinn bha an t-Urr Niall Seathach, le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhirnis.
Salm 122: 7-8 air fonn Free Church, os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: Taisbeanadh Eòin: 21
Ceann teagaisg: Taisbeanadh Eòin: 21 - R27
Tha Mgr MacLeòid an-diugh na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an t-Oib sna Hearadh.
Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailean, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Òrasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcast
- Sun 2 Dec 2012 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal