Main content
Sorry, this episode is not currently available

20/01/2012

Bidh Coinneach à Beàrnaraigh ag innse dhuinn beagan mu a' bhliadhn' ùr Sìonach. aileag@bbc.co.uk. Coinneach tells us about the Chinese New Year.

Bidh a' bhliadhn' ùr Sìonach a' tòiseachadh an ath sheachdain agus 's e bliadhna an dràgoin a bhios innte! Bidh Coinneach à Beàrnaraigh na Hearadh ag innse dhuinn beagan fiosrachaidh mu dheidhinn dràgoin.

'S e Là Winnie the Pooh a bh' ann Dimàirt agus bidh sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' bruidhinn air na caractaran as fheàrr leòtha.

Bidh sgoilearan Stafainn anns an t-Eilean Sgitheanach ag innse dhuinn beagan mun t- suipear Burns a tha gu bhith aca is Là Raibeirt Bhurns a' teannadh dlùth.

Cuideachd, bidh Mairead air ais le gèam tomhais ùr eile dhuibh- feuch an tomhais sibh cò air a tha i a' bruidhinn.

Coinneach tells us about The Chinese New Year.

57 minutes

Last on

Sat 21 Jan 2012 12:03

Broadcasts

  • Fri 20 Jan 2012 16:03
  • Sat 21 Jan 2012 12:03