05/10/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 431
Duration: 05:39
Litir 431: Innis Caillich
O chionn ghoirid chuir mi seachad beagan 霉ine taobh Loch Laomainn. Bha mi an s脿s ann am pr貌iseact fo sti霉ir Dualchas N脿dair na h-Alba 鈥 no SNH mar as fhe脿rr a dh鈥檃ithnichear e. Bha mi fh矛n is feadhainn eile a鈥 toirt clann aig an robh G脿idhlig a-mach a choimhead air fear de na h-eileanan a tha an-diugh le SNH.
Ann am Beurla 鈥檚 e Inchcailloch a chanas iad ris an eilean. Tha mi a鈥 d猫anamh dheth gur e sin Innis Chailleach no 鈥檚 d貌cha Innis Caillich. Agus c貌 i a鈥 chailleach, no c貌 iad na cailleachan, a tha co-cheangailte ris an eilean? Uill, cailleachan eaglaise, a r猫ir choltais, oir bha cailleachan dubha a鈥 fuireach ann. Agus b鈥 i an Naomh Centigerna an t猫 a b鈥 ainmeile dhiubh. A r猫ir beul-aithris, chaochail i anns an eilean ann an seachd ceud, trithead 鈥檚 a ceithir (734).
Tha seann dualchas eaglaiseil l脿idir aig Loch Laomainn. A bharrachd air Centigerna, bha an Naomh Mearain co-cheangailte ris. Bha, agus an Naomh Ceasag a thog manachainn air eilean eile, air a bheil Inchtavannach ann am Beurla 鈥 no Innis Taigh a鈥 Mhanaich. Agus 鈥檚 e ainm a鈥 bhaile bhig air cladach Loch Laomainn, faisg air Innis Caillich, Baile MoThatha. Tha an t-ainm a鈥 cuimhneachadh Naomh MoThatha.
Tha Innis Caillich uabhasach fh猫in br猫agha. Bha sluagh ann fad ceudan bhliadhnaichean agus bha eaglais is cladh ann. Tha an cladh agus tobhta na h-eaglaise fhathast ann. Ged a dh鈥檉halbh an sluagh aig deireadh an ochdamh linn deug, bhathar a鈥 cleachdadh a鈥 chladha fad 霉ine mh貌r 脿s d猫idh sin 鈥 gu goirid 脿s d猫idh an D脿rna Cogaidh.
Chanainn gu bheil an t-eilean meadhanach torrach agus 鈥檚 e obair fearainn a bh鈥 aig na daoine a bha a鈥 fuireach ann. Ach, aig deireadh an ochdamh linn deug, bha an t-uachdaran ag iarraidh rudeigin eile fh脿s ann, seach feur. Craobhan-daraich. Chaidh na m矛ltean dhiubh a chur. Carson? Uill, aig an 脿m sin, bhathar a鈥 cleachdadh leathar airson criosan no bealtaichean tionnsgalach a dh猫anamh. Bha factaraidhean ann an 脿iteachan mar Ghlaschu feumach air t貌rr de a leithid. Agus 鈥檚 e r霉sg nan darach a bhathar a鈥 cleachdadh airson cartadh a dh猫anamh air an leathar. 鈥橲 e cartadh am pr貌iseas anns am bi leathar air a dh猫anamh s霉bailte. Bha na stuthan cartaidh no 鈥渢annins鈥 a鈥 tighinn bho r霉sg na craoibhe-daraich.
Mar sin, tron naoidheamh linn deug, bha Innis Caillich air a c貌mhdachadh le coille daraich. Agus tha fhathast. Tha a鈥 choille air a dhol rudeigin n脿darrach bhon uair sin agus an-diugh tha i gu math br猫agha. As t-earrach tha br貌g na cuthaig 鈥 no am fuath-mhuc 鈥 uabhasach fh猫in pailt. Ma chromas tu s矛os air latha br猫agha earraich, mus nochd an raineach, agus br貌g na cuthaig fo bhl脿th, chan eil dad nas br猫agha ann. Tha e mar gun robh ce貌 purpaidh air a sgaoileadh air 霉rlar na coille.
Th脿inig an teaghlach agam cuide rium don eilean air an deireadh-sheachdain, 脿s d猫idh gun robh m鈥 obair seachad. Fhad 鈥檚 a bha mise a鈥 cumail s霉il air a鈥 bh脿ta, chaidh iadsan air
chuairt air feadh an eilein. Cha tuirt mi guth ro l脿imh mu bheathach s貌nraichte a tha a鈥 fuireach ann. Uill, nach t脿inig iad air ais thugam le sgeul mu dheidhinn.
鈥淐hunnaic sinn rudeigin m貌r b脿n. Bha e coltach ri gobhar,鈥 thuirt iad.
鈥淪eadh,鈥 fhreagair mi, 鈥淏ha mi an d霉il gum faiceadh, ach chan e gobhar a bh鈥 ann.鈥
鈥淒猫 bh鈥 ann ma-th脿?鈥
Innsidh mi dhuibh uile an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sat 6 Oct 2007 10:55麻豆约拍 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.