Main content

Tar-sgrìobhadh: Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

An tritheamh là den Ìuchar , 1915

Uilleam a ghràidh,

Ceud taing airson an crom-lus a chur thu thugainn bho 'no man’s land'. Tha i gu math prìseil dhuinn agus tha i ga do thoirt gu ar smuaintean.

Bha e math litir fhaighinn bhuat an là eile. Bidh sinn a’ gabhail dragh nuair nach eil sinn a’ cluinntinn càil. Tha uiread de dhaoine sa choimhearsnachd a’ faighinn droch naidheachd na làithean seo agus chan eil e furasta do dhuine sam bith. Tha e duilich dhuinn a bhith air ar sgaradh bhuat ach tha iomadach teaghlach anns an aon suidheachadh rinn, agus feumaidh sinn gabhail ris agus ar earbsa a chur ann an Dia gun till thu air ais slàn sàbhailte thugainn. Tha do phiuthar bheag a’ fàs mòr a h-uile là. ‘S e a co-là breith a bh’ ann an-dè, mar a bhios fios agad agus chuir i seachad an là mòr shiòs còmhla ri a seanmhair air a bheil i fhèin agus tu fhèin cho dèidheil. Tha an dithis aca ann an sunnd math agus a’ gabhail do naidheachd.