Â鶹ԼÅÄ

Clarke: Chluich sinn mar a bha sinn an dùil cluiche

AlbaTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Chluich Scott McTominay glè mhath aig meadhan na pàirce oidhche Chaidain

  • Air fhoillseachadh

"Thill sinn gu làidir às dèidh oidhche dhuilich", thuirt Steve Clarke, àrd-choidse na h-Alba. Faclan sìmplidh ach 's e an fhìrinn a th' aige.

Bha gu leòr mì-chinnt ann am measg an luchd-taice às dèidh an droinneadh chruaidh a thug a' Ghearmailt do dh'Alba oidhche Haoine leis an sgòr, 5-1, agus le cho lag 's a bha an sgioba.

Bha an luchd-taice ag iarraidh barrachd lùths, misneachd agus cinnt sa phlana aca an aghaidh na h-Eilbheis agus a rèir a' mhòr-chuid, bha siud ann oidhche Chiadain.

Chrìochnaich e le tadhal an urra, a' ciallachadh gu bheil iad "beò fhathast" san fharpais le coltas ann gun tèid iad troimhe chun na h-ath chuairt ma bhuannaicheas iad an aghaidh na h-Ungaire Didòmhnaich.

"Seo mar a tha sinne a' cluich"

Tùs an deilbh, PA MEDIA
Fo-thiotal an deilbh,

"Bha fios againn gur ann san dàrna agus an treasamh geama a bhiodh na puingean ri fhaighinn dhuinn", thuirt àrd-choidse na h-Alba, Steve Clarke

"Bidh na cluicheadairean a' faireachdain fada nas fheàrr a' dol a-steach dhan gheama seo às dèidh dhaibh cluiche cho math 's a chluich iad," thuirt Steve Clarke.

"Seo mar a tha sinne a' cluich agus a bharrachd air ar oidhirp chruaidh, 's urrainn dhuinn cluich.

"Nuair a chùm sinn am bàla air an talamh, chruthaich sinn cothroman.

"Chruthaich an Eilbheis cothroman cuideachd agus saoilidh mi gur e deagh gheama a bh' ann do dhaoine a' coimhead - dhomhsa bha mi nearbhasach agus dòchasach aig amannan."

"Rinn sinn na bha a dhìth oirnn, tha sinn fhathast beò san fharpais agus 's e sin an rud as cudromaiche," thuirt Clarke.

Beachd nan cluicheadairean

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Bha 13 mionaidean air a' ghleoc nuair a chaidh Alba air thoiseach

Bha gu leòr dhen luchd-taic a' càineadh mar a chluich iad an aghaidh na Gearmailte ach dh'aidich Clarke agus na cluicheadairean aige gun robh iad goirt agus gun robh an là no dhà às dèidh a' gheama doirbh dha-rìribh.

Bha e follaiseach oidhche Chiadain gun do dh'ionnsaich iad leasan no dhà agus gur e faochadh a bh' ann dhaibh fhèin le mar a chluich iad.

"Thàinig sinn far na pàirce a-nochd a' faireachdain gun do ghabh sinn an cothrom cluiche agus 's dòcha gun robh cothrom againn an geama a bhuannachadh," thuirt cluicheadair Celtic agus Alba, Calum MacGriogair.

"Chaidh sinn aghaidh ri aghaidh le sgioba làidir, rinn sinn cùisean mì-chofhurtail dhaibh agus bha deagh oidhche againn air sgàth sin.

"Seo toiseach na buidhne againn dhuinne. Feumaidh sinn a dhol a-steach dhan gheama an aghaidh na h-Ungaire làn misneachd gun urrainn dhuinn an geama a bhuannachadh agus nam b' urrainn dhuinn sin a dhèanamh, 's e rud eachdraidheil a bhiodh ann.

Am fear a fhuair an tadhal

Tùs an deilbh, PA MEDIA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha McTominay air am bàla a chur dhan lìon 9 tursan fo stiùir Steve Clarke, le dìreach Iain McGinn air thoiseach air a thaobh àireamh de thadhail (18)

Chuir Scott McTominay gu leòr thadhal sna cuairtean dearbhaidh 'son Euro 2024, seachd dhiubh, ach b' e an tadhal a fhuair e oidhche Chiadain a' chiad tadhal aige san fharpais a-riamh.

Siud dìreach an treasamh tadhal aig cluicheadair Albannach sam bith san fharpais bhon a bhuannaich iad an geama mu dheireadh aca ann, ann an 1996 an aghaidh - cò eile - na h-Eilbheis.

"Tha deagh lùths anns an sguad againn agus tha siud a' ciallachadh gun urrainn dhuinn tòrr chuideim a chur air sgiobaidhean eile," thuirt Scott McTominay.

"Tha mi a' faireachdain gun robh siud air leth cudromach dhuinn a-nochd a thaobh a bhith a' faighinn làmh an uachdair tràth sa gheama agus oidhche nan Eilbheiseach a dhèanamh doirbh.

"Ma leanas sinn oirnn leis an acras, a' mhiann agus a' chinnt gun urrainn dhuinn a' chùis a dhèanamh air na h-Ungairich, nì sin e," thuirt McTominay.

Tùs an deilbh, Â鶹ԼÅÄ Spòrs
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an treasamh geama aig Alba an aghaidh na h-Ungaire ri chluinntinn beò air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal