Â鶹ԼÅÄ

Ath-thagradh a' Bhac air a thilgeil a-mach

Cupa Eilean an Fhraoich
  • Air fhoillseachadh

Cha do shoirbhich le ath-thagradh a rinn Club Ball-coise a' Bhac a thaobh mar a chaidh an tilgeil a-mach à Cupa Eilean an Fhraoich.

Rinn Comann Ball-coise Leòdhais is na Hearadh co-dhùnadh air a' mhìos seo chaidh na Bacaich a chur a-mach às an fharpais.

Bha seo co-cheangailte ri cluicheadair a chluich airson na sgioba sa chiad gheama san iar-chuairt dheireannaich an aghaidh na Hearadh air an 22na den Iuchar.

Bha am Bac ann an suidheachadh làidir is iad air an geama sin a bhuannachadh 4-0.

Chuala coinneamh de Chomataidh Comann Ball-coise Leòdhais is na Hearadh ge-tà, nach deach na pàipearan ceart airson Màrtainn MacIlleathain a chlàradh a chur a-steach chun an 29mh den Iuchar, seachd là às dèidh dhan gheama a bhith ann.

Bha MacIlleathain roimhe air a bhith a' cluich aig ìre proifeiseanta ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Chuala a' choinneamh gun robh na pàipearan ceàrr a chaidh a chur a-steach an toiseach fhathast a' sealltainn air an 27mh den Iuchar nach robh an cluicheadair air a chlàradh mar a bha còir.

Fhuair a' chomataidh mar sin gun robh MacIlleathain fhathast air a chlàradh mar chluicheadair phroifeiseanta air an 22na den Iuchar is nach robh còir aige a bhith air cluich an aghaidh na Hearadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Coinneach MacLeòid.

Bha cead aig a' Bhac ath-thagradh a dhèanamh gu Comann Ball-coise Amaitearach na h-Alba (SAFA).

Rinn iad sin is bha èisteachd ann an t-seachdain seo.

Air a' cheann thall, fhuair an SAFA nach robh an cluicheadair clàraichte mar a bha còir nuair a chaidh an geama a chluich is sheas co-dhùnadh Chomann Ball-coise Leòdhais is na Hearadh.

Thathar a' tuigsinn nach eil am Bac airson dad a ràdh gus am faigh iad dearbhadh sgrìobhte bhon SAFA.

Tha seo a' fàgail gur ann eadar na Hearadh is an Taobh Siar a bhios cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich.

Bidh an geama ann an Càrlabhagh air an 21mh den mhìos.

Tha an dà sgioba gu math eòlach air a' chèile is iad air coinneachadh dà thuras bho chionn ghoirid sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Cho-op.

Thàinig a' chiad gheama gu ceann tràth air sgàth droch aimsir is na Hearaich 2-0 air thoiseach.

Bhuannaich an Taobh Siar geama iongantach 6-5 nuair a chluich iad a-rithist.

Tha iad bhon uairsin cuideachd air Cupa Jock Stein a bhuannachadh - is Cupa ABC aca mar-tha.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mar a bhuannaich an Taobh Siar Cupa a' Cho-op. Dealbhan: Island Footie.