Â鶹ԼÅÄ

Taic do lùth-chleasaichean nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Lùth-chleasachd

Fosglaidh iarrtasan Diluain airson sgeama maoineachaidh a bheir taic do lùth-chleasaichean anns na h-Eileanan Siar a bhios a' siubhal gu tìr-mòr airson chothroman farpais is trèanaidh.

'S e sgeama a tha seo a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 2018 mar sgeama pìleat.

Tha e ag amas air cuideachadh a thoirt do lùth-chleasaichean às na h-Eileanan Siar, Arcaibh, is Sealtainn le cosgaisean siubhail gus am bi cothrom aca air farpais is goireasan trèanaidh air tìr-mòr.

Bidh spòrsalba a' toirt £10,000 dha gach ùghdarras eileanach is feumaidh na comhairlean fhèin £2,000 a chur ris, cho math ri ùine a chosg air an sgeama a chur air dòigh is a ruith.

Às dèidh ath-sgrùdaidh air sgeama 2021/22, chaidh co-dhùnadh gum bi dà chuairt maoineachaidh sa bhliadhna ann dha lùth-chleasaichean nan Eilean Siar.

Faodaidh iad tagradh a dhèanamh airson suas ri £750 gach turas is tha e fosgailte dhaibh dà thagradh a dhèanamh tron bhliadhna.

Measadh

'S e a' chiad chuairt a dh'fhosglas Diluain agus bidh an taic seo ann eadar an Giblean agus an t-Sultain, le cothrom eile an uairsin tagradh a dhèanamh airson taice eadar an Dàmhair agus am Màrt.

Thèid measadh a dhèanamh air gach tagraiche is feumaidh na lùth-chleasaichean sealltainn mar a chleachdas iad an t-airgead airson piseach a thoirt air mar a tha a' dol dhaibh.

"Bho thòisich an sgeama seo tha e air mòran cuideachaidh a thoirt dha lùth-chleasaichean, tha e air faisg air 30 lùth-chleasaiche às na h-Eileanan a chuideachadh", thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid.

"A' chiad dà bhliadhna far an robh an sgeama seo an sàs, bhiodh iad a' fosgladh aon turas 'son iarrtasan is bha iad a' faireachdainn 's docha gun robh iad a' call feadhainn.

"Le sin, thòisich iad ga fhosgladh dà thuras sa bhliadhna oir tha feadhainn de na spòrsan, cha bhi iad a' gabhail pàirt ann fad na bliadhna.

"Ma tha iad a' fosgladh nan iarrtasan dà thuras sa bhliadhna, tha e a' ciallachadh nach eil iad a' call duine a dh'fhaodadh a bhith airidh air an airgead seo", thuirt e.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama .