Ùine air a goid?
- Air fhoillseachadh
Tha am bhìoras seachad is tha an Saoghal a' dol air ais chun na h-à bhaist. Tha sgoiltean fosgailte, bùithdean trang, an Glasadh a' sìoladh às mar bhruadair nach do thachair.
Tha text a' tighinn a-steach oidhche Dhiardaoin bho mhanaidsear na sgioba iomain: "Saor Disathairne? Tha sinn a' cluiche ann an Taigh na Bruaich. Togaidh sinn thu aig 7".
B' à bhaist gur e iomain an aon rud a bha air aire a' chluicheadair seo is e tric a' caitheamh gach mionaid shaoir a' trèanadh, a' siubhal, a' cluiche gheamaichean, a' coidseadh, is a' togail airgid. Ach bho nochd an Coròna-bhìoras tha a bheatha air atharrachadh.
Cleachdaidhean ùra, cur-seachadan ùra agus an t-seann dòigh-beatha a-nise mar chuimhneachan bhlà th ach na uallach nach eil e airson gabhail os là imh a-rithist. Text air ais: "Fàs ro aosta, thoir cothrom do chuideigin eile."
Dragh
'S e seo an dragh a tha air mòran ann an saoghal spòrs amateurach. Ach airson iomain, a tha a' fulang le iomadh dùbhlan eile, 's e dragh nas motha buileach a th' ann.
Tha Eòghan Stiùbhart air pà irt mòr de a bheatha a chaitheamh ga bhogadh fhèin ann an iomain.
Na chluicheadair airson grunn sgiobaidhean, aig teis-mheadhan oidhirp an spòrs ath-bheothachadh ann an Leòdhas agus cuideachd os cionn iomairtean gus cothroman a thoirt do dh'òigridh iomain a chluiche agus an cuid Gà idhlig a bhrosnachadh, tha Eòghan fhèin a' tighinn chun nam bliadhnaichean mu dheireadh aige air a' phà irce.
A' bruidhinn ri Podcast na seachdain seo, tha e a' cur an cèill nan cunnartan agus nan cothromanan a tha an staing seo air cruthachadh dhan spòrs.
"Ann an dòigh tha thu a' faireachdainn, 'uill a bheil ùine air a goid?' Sin a rud a tha mi a' faireachdainn mu chuid den òigridh, gum bi iad a' call a-mach air na cothroman leasachaidh", thuirt Eòghan.
"Cuideachd, tha tòrr uallaich ann an iomain, tha e a' cosg tòrr ùine iomain a dhèanamh. 'S dòcha gun can daoine, 'tha an tìde saor a tha agam ann an seo gu math tarraingeach'".
Tha iomain an-còmhnaidh a' strì an aghaidh spòrsan eile. Tron Ghlasadh chan eil aon gheama iomain air a bhith air an telebhisean ach nam biodh tu air a shon dh'fhaodadh tu ball coise beò fhaicinn bho à m bracaist gu à m laighe agus tron oidhche cuideachd nam biodh tu air a shon.
'S e an rud as dorra mun sin gu bheil òigridh a' call ùidh ann an spòrs leithid iomain. An tèid ginealach a chall?
Cunnart
"Tha an cunnart sin ann", thuirt Eòghan.
"Tha an cunnart sin an-còmhnaidh ann, ach tha e an urra ribh fhèin mar chomann a bhith ag ullachadh airson na thachras nuair a tha seo seachad. Dè an 'recovery plan' a tha gu bhith agaibh?
"Seo an t-à m airson a bhith a' cur sìl agus nuair a thig samhradh a-rithist, gu samhlachail, gum bi toradh ann", thuirt e.
Gun chà il a choltas ann gum bi seusan na h-iomain a' tòiseachadh gu co-dhiù meadhan an t-Samhraidh aig a' char as trà ithe, chan e a-mhà in a bhith a' cur an cèill phlanaichean airson òigridh a bu chòir a bhith air aire dhaoine aig a bheil ùidh san spòrs.
Tha a bhith a' toirt crathadh air structar nam farpaisean air a bhith na chuspair connspaideach bho chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh an toiseach, agus chaidh nà dar de dh'oidhirp a dhèanamh a-rithist sa chiad Ghlasadh, ged nach d' fhuair e taic.
Ach a rèir Eòghain, feumar coimhead air cruth nan lìogan bho shealladh ùr, far a bheil a' bhuaidh air na sgiobaidhean as lugha a' tighinn an toiseach.
"Tha iad an-còmhnaidh a' bruidhinn mu dheidhinn nan sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog is a' diochuimhneachadh nan sgiobaidhean aig a' bhonn", tha e ag rà dh.
Chuir Eòghan eisimpleir air adhart air na thachair nuair a chaidh iomain a ghluasad bho chluiche sa Gheamradh gu seusan samhraidh.
Chaidh na sgiobaidhean oilthigh san dara lìog mu dheas a sgapadh às ri linn, rud a dh'fhà g an dara sgioba aig Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal agus Sgioba Lodainn an Ear a' cluiche ann an lìog nas à irde, agus a chuir às dha Lodainn an Ear aig a' cheann thall.
Doimhneachd
"Tha sgiobaidhean leithid Both-Fhleisginn, Gleann Garadh, Loch Carrann, sgiobaidhean mar seo, 's iadsan a tha a' toirt leudachd is doimheachd do dh'iomain. Feumaidh sinn cuimhneachadh air na sgiobaidhean beaga cuideachd agus cothrom a thoirt dhaibh cluiche aig ìre fhreagarraich."
Chan eil teagamh nach eil cothrom ann an-drà sta sùil a thoirt air gach rud san spòrs, agus bhiodh e na thà mailt mura tèid an ùine seo a chleachdadh airson sin a dhèanamh.
Ach 's e an dòchas as motha nuair a thig seo gu ceann gun cuimhnich gach cluicheadair air an tlachd agus a' phròis a fhuair iad a' cluiche a' gheama mhìorbhailich seo.
Agus nuair a thig an text oidhche Ardaoin gun tig an fhreagairt: "Ma-tha, tha mi an dùil".