Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Onarach...no amaideach?

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-26, 11:39

Dè tha Johann Lamont ris?

Tha nàiseantaich aig Holyrood air an dòigh an-diugh às dèidh mar a dh'iarr ceannard Albannach nan Làbarach "deasbad onarach" air cosgais cuid de pholasaidhean an riaghaltais.

Gu sònraichte, thog i cuingidhean-leigheis saor an asgaidh, foghlam oilthigh gun chìsean agus an reòthadh air a' chìs chomhairle.

Thuirt i gu feumadh faighneachd an gabhadh pàigheadh airson nam polasaidhean seo, aig àm nuair a tha an sporan poblach cho gann.

Nach b' fheàrr, dh'fhaighnich e, an t-airgead a tha ann a chosg air na daoine aig a bheil feum air?

Agus, chuir i às leth an SNP gun robh iad a' feuchainn ris na co-dhùnaidhean a bu duilghe a sheachnadh.

³§²µ°ùù»å²¹»å³ó

Anns an òraid aice, aig mullach a' Mhìle Rìoghail madainn an-dè, chuir i i fhèin adhart mar "Johann dìcheallach" an taca ris nàiseantaich agus i a' magadh orra, ag ràdh gun robh an SNP nan Tòraidhean ann an tartan, a' geàrradh le aon làimh agus a' toirt dhuaisean seachad leis an làimh eile.

Anns an àm ri teachd, thuirt i, dh'fheumadh ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chur suas air neo gearraidhean a dhèanamh ann an àiteachan eile nam bu toil cumail a' dol leis na buannachdan seo.

Cha tàinig iad gu co-dhùnadh sam bith fhathast, ach dhearbh na làbaraich gun toir iad sùil gheur air na bha an riaghaltas a' cosg gus am faiceadh iad a bu chòir a chosg air dòigh eile.

Dh'fhoillsich Johann Lamont buidhean eaconomach ùr de BhP agus BPA a nì sgrùdadh air na cùisean uile seo anns a' bhliadhna no dhà a tha romhainn.

Bhiodh dùil gun toireadh an comhairle-san buaidh air clàr a' phàrtaidh airson an ath thaghaidh Albannaich.

Ach roimhe sin, tha aca ris a' bhòt air neo-eisimeileachd fhaighinn a-mach às an rathad.

°ä±ô¾±Ã¹

Gach là roimhpe, canaidh an SNP gu bheil bhòt an Aonaidh na bhòit airson ghearraidhean às a dèidh.

Bha feadhainn an seo fiù 's ag ràdh gun robh Ms Lamont air an referendum a chall leis an òraid a ghabh i an-dè.

'S i an tìde a dh'innseas.

Tha fios aig Johann Lamont nach còrd na thuirt i ris a h-uile duine.

Ach tha i an dòchas gum faigh i cliù bhon luchd-bhòtaidh mar thè a tha a' deònach an fhìrinn innse dhaibh.

Chì sinn fhathast an robh i onarach an-dè - air neo dìreach amaideach.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.