Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-04

Ailig agus Rupert

'S e seachdain dhuilich a bha seo do dh'Ailig Salmond.

As dèidh mar a nochd fianais mu chàirdeas le Rupert Murdoch aig rannsachadh a' Mhorair Leveson , bha fios aige gum biodh ceistean cruaidh a' feitheamh airÌýaig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Aig a' char as sìmplidhe, an robh Mgr Salmond ro fhaisg air ceannard News Corp agus e a' lorg taic nam pàipearan aige?

Mar as àbhaist, bha am Prìomh Mhinistear deiseal le freagairt.

Chunnaic an rannsachadh puist-dealain ag ràdh gun cuireadh Mgr Salmond taic ri oidhirp na companaidh làn smachd fhaighinn air BSkyB.

Thuirt Mgr Salmond nach robh e a-riamh ach feuchainn ri cosnaidhean a choisinn do dh'Alba.

DleastanasÌý

Na bheachd, b' e sin a dhleastanas mar phrìomh mhinistear.

Am beachd nan dùbhlanach, bha e air cliù na h-oifise aige a mhilleadh.

Carson, dh'fhaighnich Johann Lamont, a chuir Mgr Salmond cuireadh do Rupert Murdoch tighinn airson tì aig Taigh a' Bhòid, as dèidh mar a bhris scaineal farcluais nam fònaichean-làimhe?

Ach chuir Mgr Salmond casaid na cealgaireachd as a leth.

Thuirt e nach d'rinn e càil a bha ceàrr.

Agus chùm e a-mach gun robh dragh airÌýgun robhÌýcòrr is 6,000 cosnadh aig BSkyB an Alba ann an cunnart.

Laigse

Tha na dùbhlanaich aig Holyrood a' creidsinn gu bheil seo na laigse aig Ailig Salmond - agus tha iad a' dèanamh an dìcheil brath a ghabhail oirre.

ThàinigÌýan càirdeas eadar am Prìomh Mhinistear agus daoine mòra, beartach fo sgrùdadh tron t-seachdain, agus Dòmhnall Trump - a bha roimhe cho measail air - a' tighinn gu Holyrood gus ionnsaigh a thoirt air na muilleannan-gaoithe aige.

Agus, tha sgiopa Mhgr Salmond fhèin a' creidsinn gur e plana nan Làbarach feuchainn riÌýcron a dhèanamh air a chliù phearsanta agus an dà thaobh a'Ìýtomhas gu bheil taic an SNP gu mòr an crochadh air.

Chì sinn fhathast an toir seo buaidh mhòr air cliù Mhgr Salmond.

Ach 's ainneamh a bhios seachdain mar seo aige.

Agus seachdain a-mhàin mus bhòt Albannaich anns na taghaidhean ionadail, cha b' e seo an t-seachdain a bha an SNP ag iarraidh.

Deasbad air Nato air fàire

Dh'aithris mi an seo roimhe guÌýrobh ceannardan an SNP a' beachdachadh air polasaidh a' phàrtaidh air Nato atharrachadh.

Tha barrachd fios againn a-nis mun chlàr-ama.

Dh'innis grunn dhaoine dhomh gum bi ath Choinneamh Comhairle Nàiseanta a' phàrtaidh - ann am Peart anns an Òg-mhios - a' deasbad am bu chòir do dh'Alba fuireach anns a' bhuidhinn ach gun armachd niùclasach.

Tha cuid anns a' phàrtaidh gu tur an aghaidh sin.

Ach tha ceannardan an SNP a' creidsinn gun gabh a' bhallrachd ris fhad 's gun creid iad nach bi aca ri armachd niùclasach a chumail air talamh na h-Alba.

Ma tha Nirribhidh na ball dhen bhuidhinn gun armachd niùclasach, their iad, carson nach biodh Alba?

Deasbad

Cha robh duine bhon SNP airson bruidhinn riunn an-diugh, agus 's coltach nach biÌýro na taghaidhan ionadail.

As dèidh sin, ge-tà, ma thèid gu math leotha, bidh cothrom acaÌýcumail a-machÌýgu bheil seo a dhìth gus taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd agus gus an SNPÌýa dhìon bho ionnsaighean nam pàrtaidhean eile.

Tha an SNP ag atharrachadh.

Thàinig buill ùra nam mìltean don phàrtaidh on taghadh Albannach an-uiridh, a' fàgail gu bheil beachd na ballrachd air cùisean mar seo ag atharrachadh.

Agus, le bhòt air neo-eisimeileachd a-nis air fàire, bidh iad deònach gabhal ri tòrr gus dèanamh cinnteach gun tachair i.

Tha ceannardan an SNP air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo fad greis mar-thà - tha an deasbad anns a' phàrtaidh nasÌýfharsaing a-nis a' tòiseachadh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.