Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Droch naidheachd ga cur am falach?

Carson a nochdadh aonta air Bile na h-Alba air Là a' Bhogsa Dheirg?

Bha beachd aig aon bhall Chaibineit na h-Alba ann an loidhne an t-seòmair-bidhe an seo aig Holyrood na bu tràithe:

"Gus cur am falach dè cho dona 's a tha Bile na h-Alba."

Cha b' e "dona" am facal a chleachd e, ged a bha ceithir litreachan ann.

Ach a dh'aindeoin a' bheachd sin, tha an SNP air cur romhpa gabhail ri bile na h-Alba.

Carson?

Cumhachdan

Cha d' fhuair iad ach aon dhe na rudan a dh'iarr Ailig Salmond as dèidh an taghaidh an-uiridh.

Chan fhaigh Alba - tro Bhile na h-Alba co-dhiù - smachd air a' chìs chorpaid is ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô bathair, cumhachd air craoladh, an t-airgead bho Oighreachd a' Chrùin air neo smachd a bharrachd air polasaidh Eòrpach.

Dhe na sia rudan a dh'iarr iad, cha d' fhuair an SNP ach aon dhiubh - cumhachdan iasaid.

A-rèir a' bhile, bidh cothrom aig Riaghaltas na h-Alba suas gu £2.7bn a ghabhail air iasad, ged a tha iad air a bhith a' cumail a-mach gum bu chòir don àireamh sin a bhith na b' àirde.

Aig a' cheart àm, gheibh Holyrood smachd air 10sg anns an not de bhun-ìre na cìse cosnaidh agus an t-airgead a gheibh Alba bho Westminster gu bhith air an gearradh aig a' cheart àm.

Gu ruige seo, tha an SNP air a bhith a' cumail a-mach gun dèanamh seo cron air Alba agus ionmhas na dùthcha an crochadh air neart na h-eaconomaidh, gun na h-innleanan aig Holyrood gus spionnadh a thoirt dhi.

Aonta

Aig a' cheann thall, ge-tà, ghabh iad ri seo - tha mi a' tuigsinn gun deach aonta a ruighinn air an deireadh sheachdain.

An toiseach, tha iad ag ràdh gun do dh'aontaich Riaghaltas Westminster dòigh eile a chleachdadh gus an t-airgead a gheibh Alba bhuapa a dhearbhadh.

Tha iad a' cantainn gum fàg seo nach bi Alba nas miosa dheth mar thoradh air an atharrachadh.

Nas cudromaiche, ge-tà, fhuair iad aonta le Westminster nach tèid a chur an gnìomh gun chead bho Holyrood.

Tha dùil ri bhòt anns a' Phàrlamaid Albannaich as dèidh na Càisge.

Thèid e troimhe a-nis, le taic bho na buill nàiseantach.

Doirbh

Gu poileataigeach, bha seo daonnan doirbh do dh'Ailig Salmond.

As bith dè am beachd air a' bhile, bhiodh e duilich do riaghaltas nàiseantach cumhachdan ùra sam bith a dhiùltadh.

Agus, tha feum aca air na cumhachdan iasaid - tha iad air cuid a chleachdadh mar-thà gus drochaid ùr Uisge Fhoirthe a mhaoineachadh.

Tha dùil a-nis gun tèid na cumhachdan sin a thoirt do Riaghaltas na h-Alba an ath-bhliadhna ach nach tèid an siostam cìse ùr a chur an gnìomh ro 2016.

An uair sin, tha an SNP a' creidsinn nach bi e gu diofar leis gum bi Alba neo-eisimeileach co-dhiù.

An toiseach, ge-tà, tha aca ri referendum a bhuannachadh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.