Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Argamaid Ed

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-02, 16:30

Òraid làn misneachd bho Ed Miliband ann an Dùn Dèagh.

B' e an argamaid aig a cridhe nach eil an eaconamaidh ag obair airson luchd-obrach.

Chuir e a' choire air poileasaidhean "seann-fhasanta" nan Tòraidhean aig Westminster.

Ach chàin e an SNP cuideachd airson cùisean a dhèanamh nas miosa ann an Alba.

Thug e slaic air argamaid an SNP gur e pàrtaidh "adhartach" a th' annta.

Mar fhianais nach e, chleachd e am miann aca smachd fhaighinn air a' chìs chorparaid agus an uair sin a lùghdachadh.

°ä°ùì´Ç³¦³ó

Thuirt e gun dèanadh sin cron air Alba agus air a' chòrr dhen Rìoghachd, agus gach taobh a' sabaid ri chèile airson an ìre as ìsle a ruighinn.

Dhasan, bha seo na adhbhar gun chrìoch a chur eadar an dà dhùthaich.

Argamaid an aghaidh neo-eisimeileachd ach 's dòcha cuideachd an aghaidh Devo Max no fiù 's Devo Plus.

Fon dà sgeama sin dheigheadh a' chìs chorparaid a chur fo smachd Holyrood.

A dh'aindeoin taic Dhonnchaidh MhicNèill airson Devo Plus ann an Dùn Èideann dimairt, 's coltach an-diugh nach eil am pàrtaidh anns an fharsaingeachd idir cinnteach mu dheidhinnn.

Ach a bharrachd air sin, bha teachdaireachd ann do mhuinntir na h-Alba cuideachd.

Cothromach

Sin nach robh an dealbh de dh'Alba air an làimh chlì agus Sasainn air an làimh dheis idir fìor.

Thuirt Mgr Miliband gun robh na h-aon draghan air duine anns gach pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte agus mar sin gum bu chòir do Bhreatainn fuireach mar sin - aonaichte.

Nas fhaide na sin, thuirt gun robh an t-aonadh fhèin na inneal airson beartas a sgaoileadh, airson beatha dhaoine a dhèanamh nas cothromaiche.

Tha Mgr Miliband a' creidsinn gu bheil a' mhòrchuid mu thuath agus mu dheas ag aontachadh ris mu na trioblaidean as motha a tha romhpa.

Sin a dh'aindeoin mar nach eil am pàrtaidh aige ann an cumhachd ach anns a' Chuimrigh a-mhàin.

'S e aon rud sin a ràdh, rud eile a dhearbhadh aig na bogsaichean-baileit.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.