Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cumail orra leis a' phlana

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-10-05, 15:55

B' fheudar dhuinn feitheamh fad greis airson na h-òraid aig Dàibhidh Camshron an-diugh.

Chan eil fios an robh an sgioba aige fhathast ga h-ath-sgrìobhadh as dèidh mar a nochd loidhne air a' mhadainn ag ràdh, a-rèir coltais, gum bu chòir do theaglaichean na cairtean creideis aca a phàigheadh dheth.

Fiù 's mus do ruig am prìomhaire an t-àrd-ùrlar, bha an loidhne seo air atharrachadh gus a ràdh dìreach gun robh teaghlaichean ga dhèanamh seach a bhith ga mholadh.

Thuirt Mgr Camshron gun do sheall seo gun robh daoine a' tuigsinn - fiù 's anns na dachaighean aca fhèin - gu feumadh dèiligeadh ri fiachan, mar a bha an riaghaltas a' dèanamh ag ìre nàiseanta.

'S dòcha nach robh ach mearachd anns a' chiad dreach dhen loidhne a chaidh a sgaoileadh chun nam meadhanan, mar a tha sgioba a' phrìomhaire air a bhith ag ràdh.

Ach fiù 's mas e mearachd a bha ann, tha i a' foillseachadh an duilgheadais a tha aig an riaghaltas leis an eaconamaidh.

Misneachd

'S e sin, ciamar as urrainn dhaibh toirt air an eaconamaidh fàs gun barrachd airgid a chosg?

Air a' mhadainn bha cuid a' faighneachd am bu chòir don riaghaltas a bhith a' brosnachadh dhaoine na cairtean creideis aca a phàigheadh dheth an àite a bhith a' cosg airgid anns na bùithtean.

Aig a' cheann-thall - as bith dè as adhbhar - cha deach am prìomhaire cho fada sin.

Ach tha Mgr Camshron làidir dhen bheachd nach gabh faighinn a-mach às an staing tro iasadan eile agus fiachan nas motha.

Dh'innis e do cho-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester gur e staing nam fiachan a bha seo agus gun deigheadh fiachan ùra cron air misneachd nam margaidhean, a' dèanamh chùisean fiù 's nas miosa.

Na bheachd, cha robh roghainn sam bith eile ach cumail orra leis a' phlana.

Sgaradh

Tha sgaradh soilleir eadar na Tòraidhean Is na càirdean Lib Deamach aca, agus na Làbaraich agus an SNP a tha a' moladh gun tèid barrachd a chosg gus spionnadh a thoirt don eaconamaidh.

Tha an dà phàrtaidh sin an dòchas gum faigh iad buannachd phoileataigeach bho na gearraidhean a tha Mgr Camshron a' cumail a-mach a tha deatamach gus dèiligeadh ris na fiachan a dh'fhàg an riaghaltas Làbarach mu dheireadh às an dèidh.

Do na Tòraidhean - agus do Dhàibhidh Camshron gu sònraichte - 's e an trioblaid nach faca sinn an eaconamaidh a' fàs a-rithist fhathast.

Tha fios aige nach gabh an sluagh ris a' phian mura creid iad gu bheil e ag obair.

Bha na daoine anns an talla mhòr ann am Manchester riaraichte gu leòr leis na thuirt an ceannard aca an-diugh.

Ach tha an tìde a' ruith orra gus taic fhaighinn bhon fheadhainn taobh a-muigh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.