Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Pàrtaidh Mhurchaidh

Niall O’Gallagher | 2011-09-06, 10:39

Ciamar a bha na saor-làithean agaibhse?

Gu h-àbhaisteach, cha bhi mi ann an Dùn Èideann tron t-samhradh, ach an turas-sa bhiodh bùrach nan tramaichean gam tharraing air ais don phrìomh bhaile tric gu leòr.

Agus an-dè bha mi a-measg na feadhna aig taisbeanadh Mhurchaidh Fhriseil, agus e a' cur na h-iomairt aige air bhog airson ceannas nan Tòraidhean Albannach.

Ach chan e sin am pàrtaidh a bu thoil leis stiùireadh.

Nuair a leugh mi mun bheachd as ùir aige, shaoil mi gur e nàdur de fhealla-dhà a bha ann, agus luchd-naidheachd na làimhe deise a' bruidhinn gu h-aoireil air polasaidh air choireigin gus cumhachdan ùra a thoirt do Holyrood.

Ach an uair sin, chum mi orm a' leughadh.

Pàrtaidh Ùr

Dh'innis Mgr Friseal an-dè dhomh nach robh ùidh sam bith aige anns an dreuchd mar a tha i an-dràsta.

Tha e airson pàrtaidh ùr na làimhe deise a chruthachadh ann an Alba, a chuireadh taic ri Dàibhidh Camshron aig Westminster ach a bhiodh na phàrtaidh fa leth leis an t-saorsa an t-slighe aca fhèin a ghabhail.

Bhiodh ainm ùr aig a' phàrtaidh seo. Thuirt Mgr Friseal gun robh e airson a dhol air ais gu mar a bha cùisean ro 1965, nuair a bhiodh am pàrtaidh a' sabaid fo bhratach Phàrtaidh an Aonaidh.

Na bheachd, chaidh an t-ainm 'Tòraidh' a mhilleadh cho mòr ann an Alba on uair sin 's nach eil roghainn sam bith eile aca ach tòiseachadh as ùir.

Tha e a' creidsinn gum faigheadh am pàrtaidh ùr seo taic bho thòrr dhaoine nach do bhòt air an son a-riamh.

Ach, mus faigh e cothrom an taic sin iarraidh, feumaidh e taic fhaighinn bhon phàrtaidh a tha ann mar sin, agus cha bhi sin idir furasta.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.