Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Prìomh Mhinistear gun leisgeul

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-06-16, 12:38

Cha robh ach aon cuspair bho na ceannardan dùbhlanach aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

Uair agus a-rithist dh'iarr iad air Ailig Salmond leisgeul a thoirt seachad airson cuid dhe na rudan a thuirt e an t-seachdainn-sa mu dheidhinn bhritheamhan.

Uair agus a-rithist dhiùlt am prìomh mhinistear sin a dhèanamh.

Is tric a chluinneas mi gearanan mu fhaid nam freagairtean aig Mgr Salmond gach Diardaoin.

Ach an-duigh, bha cuid a' gearan gun robh iad ro ghoirid agus e a' freagairt aon ceist le dìreach aon facal.

Ach cha bhi am facal sin gu leòr gus stad a chur air an trot seo.

Pearsanta

Tha an trot sin air a bhith a' ruith fad sheachdainnean a-nis, ach an-duigh thàinig e do sheòmar na pàrlamaid fhèin.

Sin as dèidh mar a chaidh agallamh le Mgr Salmond fhoillseachadh anns an d' rinn e iomradh air britheamh agus eòlaiche lagh nan còireachan daoine.

Am beachd Iain Gray, Annabel Goldie agus Willie Rennie, chaidh am prìomh mhinistear ro fhada.

Thuirt ceannard nan Làbarach gun robh na h-ionnsaighean seo bho Mhgr Salmond pearsanta agus neo-iomchaidh, agus gum bu chòir dha leisgeul a thoirt seachad air an son.

Fhreagair Mgr Salmond gun deach an t-agallamh a dhèanamh o chionn cola-deug agus on uair sin bha e air panal a chur air dòigh gus sùil a thoirt a' chuspair.

B' e sin, a-rèir Mhgr Salmond, an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ris a' chùis.

Leisgeul

Am beachd ceannard nan Tòraidhean, ge-tà, bha cainnt a' phìomh mhinistear a' dèanamh cron air an deasbad.

Dh'iarr ise leisgeul bho Mhgr Salmond, agus dhiùlt e turas eile.

Bha ceannard na buidhne Lib Deamaich, Willie Rennie airson 'cothrom eile' a  thoirt don phrìomh mhinistear leisgeul a thoirt seachad.

Mhol Mgr Salmond gun toireadh e sùil air an fhreagairt a thug e do dh'Annabel Goldie.

Thuirt Mgr Rennie gun robh am prìomh mhinistear air nàire a thoirt airsan, air a' phàrlamaid Albannaich agus air Alba fhèin.

Cha do chuir sin dragh air Mgr Salmond.

Prionnsabal

Tha an SNP a' creidsinn  gu bheil prionnsabal bunaiteach aig cridh an deasbaid seo - sin saorsa nan cùirtean Albannach.

Thuirt am prìomh mhinistear nach bu chòir do Phrìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte còirichean daonna a chleachdadh gus dol an sàs ann an cùisean eucoireach an Alba - rud nach tachair mu dheas.

Tha iad a' creidsinn cuideachd gun tèid an luchd-bhòtaidh a chur air an taobh acasan le saoradh eucoireach.

Ach tha tòrr dhaoine a-nis - taobh a-staigh agus taobh a-muigh na pàrlamaid - a' creidsinn gu bheil dol a-mach a' phrìomh mhinisteir a' cur na saorsa sin ann an cunnart.

Thèid sùil a thoirt air a' chàirdeas eadar Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte agus lagh na h-Alba mar phàirt dhen chòmhradh air Bile na h-Alba a tha a' dol tro phàrlamaid Westminster an-dràsta.

Anns an eadar-ama, cumaidh am prìomh mhinistear air a' cur cuideam air na còmhraidhean sin, a dh'aindeoin beachd nan dùbhlanach aig Holyrood.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.