Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Goldie ga ceasnachadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-15, 13:48

Am faca sibh an t-agallamh a rinn Annabel Goldie le Newsnight Scotland?

A-rithist, 's e ceasnachadh cruaidh a fhuair ceannard nan Tòraidhean bho Ghòrdon Brewer.

Thòisich e leis an naidheachd a bha agam fhìn air an oidhche ud, gun robh an SNP a' coimhead air reòthadh 5 bliadhna air a' chìs chomhairle.

An cuireadh na Tòraidhean taic ris? Thuirt Annabel Goldie nach robh ise cinnteach gun gabhadh pàigheadh air a shon.

Tha na Tòraidhean airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a ghearradh ach tha iad a' feuchainn ri cliù a thogail aig an taghadh seo mar phàrtaidh a tha onorach leis an luchd-bhòtaidh, an fheadhainn nach geall rudan nach gabh a choilionadh. An turas-sa bha an dàrna rud nas cudromaiche.

Dè ur beachdan fhèin, ge-tà?

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 17:10 Air 2011-04-15, Sgrìobh Aonghas MacLeoid:

    Deagh cheasnachadh a-rithist le Mr Brewer, ach cha chreid mi nach d'fhuair e làmh an uachdar nas fhoillisiche thar Tavish an latha roimhe. Tha mi searbh sgith de na Tòraidhean ag ràdh gu bheil iad a' tabhann "common sense"... bhiodh tu an dùil sin bho tagraiche sam bith co-dhiù! Tha e dìreach a' riochdachadh cion phoileasaidh agus ideòlach am measg nan Tòraidhean an Alba. Dh'fheuch Dubya an aon rud is e ag ràdh gu robh esan na 'straight talker' is gu robh na neach-phoiliteags eile cho dà bheulach ri sgadain... is tha fhios againn uile air crìoch an sgeula ud.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.