Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Deasbad an taghaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-28, 16:04

Ìý

Deasbad an Taghaidh

Ìý

Am faca sibh Deasbad an Taghaidh air Â鶹ԼÅÄ Alba a-raoir?

Mura faca, chaidh a chraoladh air Radio nan Gàidheal an-diugh - gabhaidh èisteachd ris a-rithist an seo.

Nam b' fheàrr leibh Iain MacIllEathain fhaicinn a' ceasnachadh riochdairean na ceithir pàrtaidhean as motha, bidh e air Â鶹ԼÅÄ Alba a-rithist a-nochd aig 2200.

Airson an SNP bha Alasdair Allan, bha Dòmhnall Crichton ann airson nan Làbarach, Pàdraig Moireasdan airson nan Lib Deamach agus Bill Innes a' bruidhinnÌýbho thaobh nan Tòraidhean.

A-measg na cuspairean a chaidh a thogail bha a' chìs chomhairle, prìs na dibhe, RET, neo-eismileachd agus tòrr eile.

Chaidh na ceistean a thogail leis an luchd-bhòtaidh a bha an làthair aig stiùidiothan a' BhBC ann an Glaschu. Ach cò fhuair làmh-an-uachdair? Fàgaibh ur beachd an seo, mar as àbhaist.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.