Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Bàtaichean agus bhòtaichean an Earra-Ghàidheal

Chaidh an darna aithris shònraichte bho sgìrean targaid an taghadh a-mach air An Là a-raoir.

An turas-sa bha Andreas Wolff ag aithris à Earra-Ghàidheal agus Bòd.

'S e sgìre mhòr, fharsaing a tha seo, leis na diofar phàrtaidhean a' faighinn taic ann an diofar sgìrean.

Ach 's e an sabaid as motha an seo eadar na Lib Deamaich agus an SNP.

Choisinn Jim Mather an sgìre seo do na nàiseantaich bho Sheòras Lyon air ais ann an 2007.

Cha do chòrd sin ris na Lib Deamaich idir - agus tha iad gu mòr airson a faighinn air ais.

Cuspairean

B' e am blog seo a dh'fhoillsich an naidheachd gur e Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, a sheasadh don SNP aig an taghadh seo, agus Mgr Mather a' leigeil dheth a dhreuchd.

Tha Mgr Ruiseal an dòchas gum faigh e buannachd bho fhearg mun cho-bhanntachd eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean aig Westminster.

Ach, mar a mhìnich Andreas Wolff anns phìos aigesan, , bidh cùisean ionadail air leth cudromach a-rithist.

Nam measg, tha dà chuspair a tha sinn air bruidhinn mun deidhinn gu tric anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.

'S iad ²úà³Ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô-²¹¾±²õ±ð¾±²µ, agus sgoiltean dùthchail

Agus b' urrainn dhaibh buaidh mhòr a thoirt air toradh an taghaidh an seo.

Sluagh-ghairm

Bha connspaid an seo nuair nach deach sgeama RET a leudachadh air feadh Earra-Ghàidheal (chan eil e a ruith ach ann an Colla agus Tiriodh), agus na Lib Deamaich a' càineadh an SNP airson 'brìb' a thoirt do luchd-bhòtaidh nan Eilean Siar.

Agus tha dragh fhathast mu na tha air fàire don t-seirbhis aiseig eadar Dùn Omhainn agus Gourock - cha tig co-dhùnadh air seo gus am bi an taghadh seachad.

Ann an 2007 b' e sluagh-ghairm nan nàiseantach an Earra-Ghàidheal 'barrachd bhòtaichean airson barrachd bhàtaichean'.

Tha na Lib Deamaich, agus an tagraiche aca Alison Hay,Ìýan dòchas nach bi luchd-bhòtaidh na sgìre riaraichte le leasachadh sheirbhisean fon SNP.

Ach dh'fhaoidte gum faigh iad fhèin a' choire airson dùnadh sgoiltean na sgìre, as dèidh do bhuidheann an SNP tarraing a-mach bhon chomhairle.

Mar as trice, 's e Earra-Ghàidheal tè dhe na sgìrean mu dheireadh gus toradh fhoillseachadh aig àm an taghaidh. An turas-sa, dh'fhaoidte gum bi againn ri feitheamh airson toradh Earra-Ghàidheal mus ionnsaich sinn toradh an taghaidh air fad.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.