Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Sgeulachd An t-Sionnaich Sheòilta

Niall O’Gallagher | 2011-02-10, 13:56

Cha deach cùisean a-rèir a' phlana.

Bha na Làbaraich airson bhòtadh an aghaidh a' bhuidseit gus cothrom a thoirt dhaibh a' choire airson ghearraidhean a chur air an SNP.

Oidhche mhàirt, bha cuid dhiubh ag ràdh gun robh an coltas gum faigheadh Iain Swinney taic bho na Lib Deamaich agus na Tòraidhean ga dhèanamh nas fhasa dhaibh sin a dhèanamh.

Ach an uair sin chaidh rudeigin ceàrr.

Lorg Mgr Swinney an t-airgead gus àiteachan trèanaidh a bharrachd a chur a-steach don bhuidseat, an rud a bu mhotha a bha na Làbaraich ag iarraidh anns na còmharaidhean.

Agus, ged nach robh taic nan Làbarach a dhìth air aig a' cheann-thall, chum e seo anns a' bhuidseat aige co-dhiù.

Cleas

'S e cleas glic a bha seo bho Mhgr Swinney, a tha air cliù a thogail mar shionnach seòlta aig àm a' bhuidseit.

Thug e cothrom dha casaid cealgaireachd a chur air na Làbaraich - an dàrna turas an t-seachainn-sa a chuir an SNP a' chasaid sinn orra.

Agus nì e nas duilghe do na Làbaraich gan cur fhèin ron luchd-bhòtaidh mar phàrtaidh nan cosnaidhean as dèidh dhaibh bhòtadh an aghaidh airgid airson àiteachan trèanaidh a dh'iarr iad ro làimh.

Tha na Làbaraich air a bhith gan dìon fhèin an-diugh, ag ràdh nach deach gnìomhan Mhgr Swinney air cosnaidhean fada gu leòr.

Agus thug iad slaic air an SNP airson bhòtadh le 'pàrtaidhean na co-bhanntachd'.

Ach ma tha sibh ag iarraidh fios air beachd Iain Gray mun bhùrach a tha seo, seall mar a dh'fheuch ceannard nan Làbarach a' chùis a sheachnadh aig ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

Gearraidhean

'S e buidseat duilich a bha seo do Mhgr Swinney agus do labhraiche ionmhais nan Làbarach, Anndra Kerr.

Fon lagh, b' fheudar do dh'Iain Swinney buidseat fhaighinn tron phàrlamaid.

Chan eil cumhachd aige air meud a' bhuidseit sin ach air an iomall agus cha robh taic anns an t-seòmar airson cumhachdan na pàrlamaid a chleachdadh gus a' chìs cosnaidh a chur suas.

Mar sin, cha robh roghainn aige ach buidseat a chur troimhe a tha mu £1bn nas lugha na bha e an uiridh.

Agus mar mhinistear ann an riaghaltas gun mhòrchuid, b' fheudar dha taic a lorg far a b' urrainn dha - an turas-sa bhon dà phàrtaidh a tha a' cur nan gearraidhean an gnìomh aig Westminster.

B' e tuairmse nan Làbarach gum fàgadh an dà rud sin gun tèid an SNP a choireachadh leis an luchd-bhòtaidh airson nan gearraidhean sin.

Ribe

'S dòcha gun tachair sin fhathast.

Ach aig deireadh na seachdainn seo, 's iad an SNP a tha a' coimhead nas toilichte.

Ann an dòigh, 's dòcha nach b' urrainn do na Làbaraich taic a chur ri buidseat an SNP cho faisg air an taghadh.

As dèidh dhaibh rudan iarraidh air Iain Swinney a b' urrainn dha thoirt seachad - gu ìre co-dhiù - rinn iad ribe dhaibh fhèin a bha Mgr Swinney glè dhèonach chleachdadh.

Chan eil an taghadh oirnn fhathast.

Ach cha b' e seo an toiseach don iomairt aca a bha na Làbaraich ag iarraidh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.