Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Connspaid nan sgoiltean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-13, 13:32

Chaidh aire a thoirt air falbh bho chonnspaid nan sgoiltean an Earra-Ghàidheal an-dè nuair a dh'fhoillsich Mìcheal Ruiseal diùltadh cead airson dùnadh ceithir sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.

Chleachd e na cumhachdan ùra aig mar Rùnaire an Fhoghlaim gus toirt air Comhairle nan Eilean Siar smaointinn a-rithistÌýmu Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil Sheileaboist agus mu na roinnean àrd-sgoile dà bhliadhna aig Lìonail agus Siabost.

Ach b' fheudar dha tighinn don t-seòmar anns a' chiad dol a-mach gus mìneachadh a thoirt seachad mun phàirt aige anns an trot mu dhùnadh sgoiltean an Earra-Ghàidheal.

Sin as dèidh mar a chaidh post-dealain dìomhar a' sgaoileadh anns an robh Mgr Ruiseal a' toirt rabhadh do chomhairlichean nàiseantach gun thaic a thoirt do dhùnadh 25 sgoiltean anns an sgìre.

Tha Mgr Ruiseal ann an suidheachadh neònach agus e na bhall airson AlbaÌýa Deas ach na thagraiche ann an Earra-Ghàidheal.

'S ann air sgàth sin a sgrìobh seann thagraiche nan Làbarach anns an sgìre, Dàibhidh Greumach, do Choimiseanair Inbhean na Pàrlamaid a' gearan gun do bhris Mgr Ruiseal na riaghailtean fo .

Doirbh

Tha dùil agamsa nach tèid gabhailÌýris a' ghearan.

Dhearbh oifis a' choimiseanair dhòmhsa nach eil gearanan fo earrann a h-ochd den chòd fon smachd aige, agus gun tèid a leithid de ghearanan a thoirt don Oifigear Riaghalaidh.

Chaidh Mgr Ruiseal as àidhcheadh gun d' rinn e càil ceàrr agus e dìreach a' toirt beachd seachad mun chùis ann am post-dealain prìobhaiteach.

Thuirt e cuideachd gun tèid co-dhùnadh sam bith mu sgoiltean anns an sgìre a ghabhail le ministear eile - is coltach gurÌýann air Angela Constance a bhiodh an dleastanas seo.

Tha seo doirbh dha agus e coltach gun deach Rùnaire an Fhoghlaim an sàs ann an co-dhùnadh mu dhùnadh sgoiltean anns an dearbh àite far a bheil e a' lorg taic ron taghadh.

Ach dh'fhaoidte nach dèan a' chonnspaid cusÌýcron air anns an àm ri teachd.

TaghadhÌý

Air Aithris na Maidne an-diugh thuirt Mòrag Rothach,ÌýbhoÌýChomhairle nan Eilean Siar,Ìýnach do chuir diùltadh Mhgr Ruiseal iongnadh oirre "o chionn tha sinn a' teannadh faisg air taghadh".

Chaidh i na b' fhaide, ag ràdh "tha sinn a' faicinn nach b' ann airson adhbhair foghlaim a bha e a' diùltadh gin de na sgoiltean seo a dhùnadh".

Bidh e an SNP a' tomhas gun dèan connspaid nan sgoiltean barrachdÌýfeum na cronÌýorra anns an dà sgìre, le pàrantan agus mar sin leis an luchd-bhòtaidh.

'S ann air sgàth sin a tha na pàrtaidhean eile an Earra-Ghàidheal cho feargach.

Aig a' cheann thall, gheibh muinntir nan sgìrean seo cothrom beachd a thoirt seachad nuair a thig an taghadh.

'S e ceist eile dè thachras do sgoiltean mar seo nuair a bhios an taghadh sin seachad.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.