Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Teàrlach Ceanadach a' bruidhinn a-mach

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-09-14, 7:32

Bha fios gun robh Teàrlach Ceanadach draghail mun aonta eadar am pàrtaidh aige fhèin agus na Tòraidhean.

Gu dearbh, mar a chuir e nam chuimhne an-dè, cha do chuir e taic ris an aonta nuair a thàinig e gu bhòt.

A-nis, ge-tà, tha seann-cheannard nan Lib Deamach air na beachdan aige a dhèanamh glè fhollaiseach.

Ron taghadh bha Mgr Ceanadach ag ràdh nach bu chòir gearraidhean a dhèanamh ro luath - mar a bha na Lib Deamaich uile.

On uair sin, tha ceannas a' phàrtaidh air am beachd atharrachadh - ach tha tòrr anns a' phàrtaidh fhathast draghail.

A' bruidhinn rium as dèidh na h-òraid bliadhnail aige mar Rector Oilthigh Ghlaschu an-dè, thug Teàrlach Ceanadach rabhadh seachad mu bhuaidh nan gearraidhean sin, gu h-àraid air Alba, agus air a' Ghàidhealtachd.

Cìsean Oileanach

Thog an Ceanadach dragh cuideachd mu chìsean nan oileanach agus gearraidhean ann am buidseatan nan oilthighean.

Tha foghlam fo smachd Holyrood, ach thuirt Mgr Ceanadach gun toireadh àrdachadh chìsean mu dheas droch bhuaidh air oilthighean mu thuath.

Tha gach pàrtaidh a' feitheamh air aithisg a' mhorair Bhrowne a tha a' sgrùdadh na cùise, agus tha cead aig na Lib Deamaich bhòtadh a sheachnadh mura bi iad toilichte le polasaidh an riaghaltais.

Cha b' urrainn do Mhgr Ceanadach innse dhomh mar a bhòtadh esan.

Nochaidh Teàrlach Ceanadadh air an àrd-ùrlar le Nick Clegg aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an ath-sheachdainn gus sealltainn gu bheil am pàrtaidh aonaichte.

Ach tha faclan a' Cheanadaich a' dearbhadh gu bheil sgaraidhean ann, agus iad aig cridhe na co-bhanntachd cuideachd.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.