Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An treas duine agus an cogadh mì-shìobhalta

Niall O’Gallagher | 2010-07-13, 16:47

An-dràsta, tha am pàrtaidh Làbrach a' feuchainn ri faighinn seachad air dithis a bha aig cridhe poileataigs Bhreatainn fad bhliadhnaichean.

Aig deireadh an t-samhraidh, bidh ceannard ùr aca a bhios a' feuchainn ri an cur air an rathad fada air ais gu Àireamh a Deich.

Ach, dìreach nuair a shaoil feadhainn gun robh linn Bhlair agus Bhrown seachad, nochd 'an treas duine' le sgeulachdan nan làithean sin a tha air an toirt air ais gu meadhan na cùise.

Thèid eachdraidh-beatha Pheadar Mhandelson fhoillseachadh diaedaoin agus earrannan dhith a' nochdadh ann am pàipear-naidheachd tron t-seachdainn.

Tha na criomagan a chunnaic sinn mar-thà a' toirt dhuinn blas de chùisean air cùl dorsan an riaghaltais mu dheireadh.

Agus, anns a' phàrtaidh Làbarach fhèin, tha iad air a' cheòl a chur air feadh na fìdhle.

"Cogadh sìobhalta"

Bhruidhinn mi na bu thràithe ri buill pàrlamaid Albanach a' phàrtaidh aig Westminster.

Thuirt gin dhiubh dhomh nach robh daoine a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhar aig Peadar Mandelson idir, agus gur e sgeulachd bhaile bheag Westminster a bha innte, nach dèanadh diofar sam bith.

Chan e sin beachd a h-uile duine ge-tà.

Bha ball-pàrlamaid eile gu math feargach, ge-tà. Chàin e mar a bha Peadar Mandelson a' searmonachadh mu dhìlseachd fad bliadhna agus e a-nis air 'cogadh sìobhalta' adhbhrachadh anns a' phàrtaidh.

Faclan làidir dhà-rìribh.

Ma tha iad ceart, bidh aig ceannard ùr a' phàrtaidh Làbaraich ri faighinn seachad air a' chogadh sin mus bi cothrom aca an t-sabaid airson Àireamh a Deich a thòiseachadh a-rithist.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.