Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cruaidh...ach cothromach?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-06-22, 14:00

Dà phrìomh loidhne bhon chiad bhuidseat aig Seòras Osborne.

An toiseach, thèid VAT suas, ged a bhios greis ann mus tachair seo.

Bheir seo buaidh ag gach duine a bhios a' ceannachd stuth anns na bùithtean, agus 's ann air an fheadhainn as bochda a bhios a' bhuaidh as motha.

Chàin na Làbaraich seo fiù 's mus deach a fhoillseachadh, agus tha e duilich do na Lib Deamaich a bha ag iomairt na aghaidh ron taghadh.

Ann an litir do bhuill a' phàrtaidh a-raoir, thuirt Nick Clegg gur e am buidseat seo fear dhe na rudan as duilghe a bhiodh aca ri dèanamh a chaoidh.

Ach chan ann dìreach orrasan a bhios an duilgheadas.

Socharain sòisealta

Thuirt an Seansalar gun robh am buidseat aige 'cruaidh ach cothromach'.

Tha aonta ann gum bi e cruaidh air daoine, ach tha aig Mgr Osborne ri toirt air daoine creidsinn gu bheil e cothromach.

Bidh tòrr nach tèid le sin as dèidh dha nochdadh gun tigeadh 50% de na sàbhalaidhean a dh'iarras e bho shocharain sòisealta.

Thèid creidisean cìse, socharan cloinne, socharan taigheadais agus taic do dhaoine ciorramach uile a ghearradh.

Thuirt an Seansalar nach gabh na gearraidhean a sheachnadh.

Chan fhada gus am faic sinn a' bhuaidh air daoine - agus air a' cho-bhanntachd fhèin.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.