Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Bùn-phrìs ann an staing

Niall O’Gallagher | 2010-06-10, 16:42

Chaidh buille a thoirt air planaichean an riaghaltais prìs as ìsle a stèidheachadh do gach cuibhrean de dheoch làidir.

Bhòt buill-pàrlamaid na h-Alba airson Bile na Dibhe a thoirt troimhe don ath ìre - a-nis thèid a dheasbad le comataidhean na pàrlamaid.

Ach bhot iad airson atharrachaidh a dh'iarr air an riaghaltas cur às don pholasaidh airson bùn-phrìs a stèidheachadh.

Bhòt 54 buill airson an atharrachaidh bhon bhall Thòraidheach Murchadh Friseal - bhòt am ball Malcolm Chisholm leis an riaghaltas, ach thug an còrr de na Làbarach taic don atharrachadh.

Cha do bhòt na Lib Deamaich idir, agus tha an SNP fhathast an dòchas gum faigh iad taic bhuapa aig a' cheann thall.

A-nochd, ge-tà, tha am polasaidh ann an staing.

Trioblaid

Tha Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, den bheachd gu bheil trioblaid shònraichte aig Alba leis an deoch.

Na beachd, bhiodh bùn-phrìs a' lùghdachadh na bhios daoine ag òl agus bhiodh buannachd mhòr do shlàinte na dùthcha.

Tha am polasaidh a' faighinn taic bho dhotairean, agus bho na poilis.

Ach a-nochd 's coltach nach eil taic gu leòr aig an riaghaltas bho dhaoine taobh a-staigh na pàrlamaid fhèin.

Am beachd an fheadhainn a tha an aghaidh a' pholasaidh, cha bhiodh e cothromach do dhaoine nach eil ag òl cus.

Tha aig an riaghaltas gu ruige an fhoghair airson an inntinn atharrachadh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.