Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Riaghaltas ùr, Caibineat ùr

Niall O’Gallagher | 2010-05-12, 8:09

Tha beagan fiosrachaidh againn a-nis mun chaibineat ùr.

Uile gu lèir, tha sinn a' tuigsinn gum bi còignear Lib Deamach ann an caibineat de 23.

Thèid Ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg, na leas-phrìomhaire ri taobh Dhàibhidh Chamshroin. Thèid Uilleam Hague gu Oifis nan Cùisean Cèin agus 's e Anndra Lansley Rùnaire ùr na Slàinte.

'S e Seòras Osborne an Seansalar ùr, ach bidh dleastanas air Vince Cable airson nam bancaichean.

Bidh Albannach, Liam Fox, aig Roinn an Dìon agus 's e am ball Lib Deamach airson Inbhir Nis, Danny Alexander a thèid an àite Jim Murphy mar Rùnaire na h-Alba.

Tuilleadh a dh'aithghearr.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 11:32 Air 2010-05-12, Sgrìobh Seumas:

    "Tuilleadh a dh'aithghearr."?

    An taghadh ùr a tha thu ràdh?
    Sia mìosan?

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.