Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Manifesto nan Tòraidhean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-20, 16:09

Anns na beagan làithean a dh'fhalbh, tha mi air a bhith a' siubhail air feadh Alba, a' clàradh phìosan ann an grunn sgìrean mu dh'iomairt an taghaidh.

Thèid an craoladh air An Là an ath-sheachdainn agus seachdainn an taghaidh fhèin.

'S ann air sgàth sin gun robh am blog car sàmhach o chionn greis.

A-màireach - ma bhios an itealan a' dol - thèid mi gu Leòdhas airson fiolm eile a chlàradh an sin.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha na h-iomairtean nàiseanta air a bhith trang glè thrang cuideachd.

An-dè, chaidh Manifesto Albannach eile fhoillseachadh - an turas-sa leis na Tòraidhean.

Cuireadh

.

Seo a' chiad rud don a mhothaich mi dè cho trom 's a tha e - 124 duilleag uile gu lèir.

As dèidh 13 bliadhna air na beingean dùbhlanach, tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil planaichean mòra, susbainteach aca airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha againn.

Ach 's e feallsanachd a bharrachd air dìreach stoidhle a tha eadar-dhealaichte mun mhanifesto seo.

Air còmhdach a' mhanifesto tha na faclan 'cuireadh a dhol an sàs ann an Riaghaltas Bhreatainn'.

Dè dìreach a tha sin a' ciallachadh ge-tà?

Cumhachd

Ma tha na Làbaraich a' coimhead ris an stàit airson trioblaidean na dùthcha a chàradh, tha na Tòraidhean airson cumhachd a thoirt do dhaoine sin a dhèanamh anns na coimhearsnachd aca fhèin.

B' urrainn, mar eisimpleir, do phàrantan sgoiltean ùra fhosgladh ma bhios iad mì-thoilichte leis an sgoil ionadail aca.

Tha na Tòraidhean cuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine ceannardan poilis a thaghadh, no buill-pàrlamaid a chur far an dreuchdan.

Ach, coltach ri manifesto Albannach nan Làbarach, tha na Tòraidhean a' bruidhinn mu chùisean a tha fo smachd Westminster - cùisean nach gabh atharrachadh leotha fiù 's ma bhuannaicheas iad aig an taghadh seo.

Tha trioblaid Albannach eile aig na Tòraidhean. Chan eil aca an-dràsta ach aon bhall Albannach anns na Cumantan, suidheachadh a bhiodh duilich dhaibh nan robh riaghaltas Tòraidheach aig Westminster as dèidh an taghaidh.

Tha am pàrtaidh ag obair gu cruaidh, mar sin, airson sin atharrachadh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.