Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An là mu dheireadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-07, 12:53

Dh'fhaoidte gur e sin an turas mu dheireadh a bhios Gòrdon Brown agus Dàibhidh Camshron a' seasamh an aghaidh a chèile aig Ceistean a' Phrìomhaire.

Mas e, saoil am bi fear dhiubh ag ionndrainn an fhìr eile?

Chan eil mise cho cinnteach.

Chleachd Mgr Camshron na ceistean mu dheireadh aigesan ro sgaoileadh na pàrlamaid airson iarraidh air a' phrìomhaire dleastanas a ghabhail airson cuid de na polasaidhean aige.

An toiseach, dh'iarr e air Mgr Brown aideachadh nach robh heileacoptairean gu leòr aig na feachdan Breatannach nuair a chaidh an cur gu sgìre Helmand ann an Afganastan.

Thuirt Mgr Brown nach robh e ach a' leantainn comhairle nan ceannardan agus gun d' fhuair iad gach uidheamachd a dh'iarr iad.

Àrachas Nàiseanta

Ghluais Mgr Camshron an uair sin gu peinnseanan, ag ràdh gun do ghoid Mgr Brown £100m bho stòras na dùthcha.

Thuirt Mgr Brown gun robh na Làraraich airson ceangal a stèidheachadh as ùr eadar peinnseanan agus cosnaidhean - ceangal a chaidh a bhriseadh leis na Tòraidhean.

Agus air an àrachas nàiseanta, thuirt Mgr Camshron gur e cìs air cosnaidhean a bh' ann, agus gun robh ceannardan gnìomhachais ag aontachadh ris.

Ach chaidh ceannard nan Tòraidhean a chàineadh le Mgr Brown, a thuirt gun do chuir gnìomhachas taic ris na rinn Mgr Brown airson an eaconomaidh a shàbhaladh, rud nach d' rinn na Tòraidhean fhèin.

Nuair a thàinig an cothrom aigesan, chàin Nick Clegg clàr an dà phàrtaidh as motha air bun-reachd na dùthcha. Ciamar, dh'fhaighnich e, am b' urrainn don mhòr-shluaigh earbsa a chur annta air a' chùis seo a-rithist?

Dhìon Mgr Brown cliù nan Làbarach air a' bhun-reachd agus chàin e na Tòraidhean airson bacadh a chur air planaichean airson referendum a chumail air an t-siostam-bhòtaidh.

Ceistean Albannach

Aig Ceistean Albannach ro làimh, thug Pete Wishart bhon SNP slaic air na Tòraidhean agus na Làbaraich ag ràdh gun robh an dà phàrtaidh ag ullachadh ghearraidhean mòra do bhuidseat na h-Alba.

Airson nan Làbarach, ge-tà, thuirt Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, nach robh an SNP cudromach anns an taghadh seo agus gur e riaghaltas Tòraidheach a gheibheadh daoine nan bhòtadh iad air an son.

B' e seo an là mu dheireadh nuair a bhios aire dhaoine air na thacras aig Westminster fhèin.

As dèidh seo, 's ann air an iomairt air feadh na dùthcha a bhios ar sùilean uile.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.