Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

°ä±ô¾±Ã¹ air an easbhaidh

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-03-29, 11:49

Gluasad inntineach bho na Tòraidhean an-diugh air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô.

Dh'ionnsaich sinn barrachd mu na dhèanadh Seòras Osborne nam faigheadh e grèim air na h-iuchraichean airson àireamh 11 as dèidh an taghaidh.

Tha Alasdair Darling air dà àrdachadh de 0.5% a chur air an àrachas nàiseanta airson na h-ath-bhliadhna - a' fàgail gun deidheadh e suas 1% bhon Ghiblean 2011.

A-nis, ge-tà, tha na Tòraidhean ag ràdh gun cuireadh iad stad air cuid den àrdachadh sin.

Thuirt Mgr Osborne nach deidheadh a' chìs suas airson daoine a tha cosnadh nas lugha na £35,000.

A-rèir-san, bhiodh seachdnar anns gach deichnar na b' fheàrr dheth mar thoradh air a' pholasaidh seo.

³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

Ciamar a ghabhas pàigheadh air a shon, ge-tà?

A-rèir tuairmse, dh'fhàgadh seo beàrn de £5.6bn ann an ionmhas na dùthcha.

Airson a' bheàrn sin a lìonadh,Ìýthuirt Mgr Osborne gun gabhadh £12bn de shàbhalaidhean a dhèanamh leis an riaghaltas, £6bn dhiubh ann an 2010-2011.

Anns a' bhuidseat a dh'fhoillsich e diciadain, thuirt Mgr Darling gun gabhadh £11bn de shàbhalaidhean a lorg, ach bu chòir feitheamh gu ruige 2012-2013 air eagal 's gun dèanadh gearraidhean tràth cron air an eaconomaidh.

Ach tha na Tòraidhean air a ràdh gun tòisicheadh iadsan am bliadhna-sa feuchainn ri easbhaidh na dùthcha a lùghdachadh.

An gabh an dà rud a dhèanamh aig an aon àm?

Easbhaidh

Tha na Làbaraich air a ràdh mar-thà nach gabh pàigheadh airson an dà chuid, lùghdachadh don easbhaidh agus stad air àrdachadh an àrachais nàiseanta gun ghearraidhean mòra a dhèanamh air seirbhisean poblach.

Am beachd Liam Byrne, Àrd-Rùnaire do Roinn an Ionmhais, tha na Tòraidhean air an sùilean a ghluasad bho ghearradh na h-easbhaidh.

Air taobh eile na h-argamaid, ge-tà, thèid an t-àrachas nàiseanta a phàigheadh le luchd-obrach agus luchd-fasdaidh.

Mar sin, mura biodh daoine ag obair, bu bheag a gheibheadh an riaghaltas bhon chìs co-dhiù.

A-rèir Mhgr Osborne, tha e na chìs air "cosnaidhean" agus air "na meadhan-chlasaichean".

B' fheàrr, na bheachd, a' chìs a gheàrradh airson spionnadh a thoirt air an eaconomaidh.

°ä±ô¾±Ã¹

Tha an gluasad is ùire seo bho Mhgr Osborne fiù 's nas cudromaiche oir tha na Tòraidhean air an cliù aca a steidheachadh air na planaichean aca airson an easbhaidh a ghearradh.

Tha na Tòraidhean air an easbhaidh a phutadh gu teis-mheadhan an deasbaid ron taghadh seo.

Ach ma dh'fhaoidte gu bheil Mgr Osborne air cron a dhèanamh air cliù a' phàrtaidh air a' chùis.

Tha àrdachadh air àrachas nàiseanta aig cridhe plana nan Làbaraich an easbhaidh a thoirt a-nuas.

Ma chreideas an luchd-bhòtaidh nach gabh sin a dhèanamh as aonais an àrdachaidh sin, dh'fhaodadh na Tòraidhean a bhith ann an cunnart.

Leanaidh an argamaid seo ann an deasbad eadar Mgr Osborne, Mgr Darling agus an Dtr Cable air Sianal 4 a-nochd.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.