Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Air cùl nan dorsan

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-01-14, 7:40

Tha na Tòraidhean ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba buidseat èiginneach ullachadh - sin a' bharrachd air .

Aig an àm-sa den bhliadhna bidh còmhraidhean a' dol air cùl dhorsan agus an riaghaltas a' sìreadh taic airson a' bhuidseit aca.

As aonais, chan eil tòrr as urrainn don riaghaltas a dhèanamh.

Ach leis nach eil mòr-chuid aig an SNP aig Holyrood tha aca ri aonta a ruighinn le co-dhiù cuid de na pàrtaidhean eile.

'S e seo poileataigs aig an ìre as sìmplidhe - diofar bhall ag argamaid mu dheidhinn airgid.

An turas-sa, ge-tà, chan eil an argamaid sin mu na bhios an riaghaltas a' cosg, ach mu na bhios iad a' gearradh.

Lùghdachadh maoineachaidh

An uiridh, fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean as dèidh dhaibh gealltanasan a dhèanamh air àireamhan oifigearan poileis agus airgead airson leasachadh bhailtean.

An triop-sa, ge-tà, 's e sàbhalaidhean a tha pàrtaidh Annabel Goldie ag iarraidh.

Agus, tha iad ag ràdh gu feum an riaghaltas a bhith deiseal airson ghearraidhean a bharrachd ma thig lùghdachadh maoineachaidh à Westminster as dèidh an taghaidh.

Tha dùil ri ath-sgrùdadh air ionmhas Riaghaltas na h-Alba am bliadhna co-dhiù.

Ach dh'fhaodadh gearradh do bhuidseat an riaghaltais tighinn nas luaithe ri linn buidseit èiginnich bhon t-seansalair ùr.

Carson mar sin, tha na Tòraidhean ag ràdh ri Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, nach seall sibh sinn gu bheil sibh deiseal airson dèiligeadh ri seo ma thig e?

Ã’°ù»å³Ü¾±²µ³ó±ð²¹²Ô-³¦³Ü²Ô²µ²¹¾±»å³ó

Cha ghabh Mgr Swinney - gu poblach co-dhiù - a' chomhairle seo bho na Tòraidhean agus tha fios acasan nach gabh - 's e cleas a tha seo.

Tha am pàrtaidh ann an Alba - mar a tha Dàibhidh Camshron aig ìre Bhreatannach - ag iarraidh sealltainn gur iad as motha a tha airson grèim fhaighinn air ionmhas na dùthcha.

Chan eil Mgr Swinney, ge-tà, dol a dh'innse do Roinn an Ionmhais ann an Lunainn gu bheil e deònach barrachd ghearraidhean fhulang no dè iad.

Tha fios aige, ge-tà, gur dòcha gum bi aige ris na planaichean aige atharrachadh a-rèir na theireas an seansalair ùr.

Anns an eadar-àma, tha sùil nan Tòraidhean air polasaidhean leithid lùghdachaidh agus cur às do dh'òrduighean-cungaidh is iadsan a' cumail a-mach gu bheil iad fada ro chosgail.

Bidh iad ag iarraidh gluasad air choireigin bhon riaghaltas mus toir iad taic don bhuidseat.

Bliadhna an taghaidh

Thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat an ath-sheachdainn.

Tha dùil an uairsin gun bhòt na Làbaraich na aghaidh is iad mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhair Ghlaschu

Tha na Lib Deamaich ag iarraidh gearradh do na tuarastalan as àirde anns an roinn phoblaich.

Tha na h-Uainich - a bu choireach gu ìre mhòr gun do dh'fhàilig am buidseat a' chiad uair an uiridh - mì-thoilichte leis a' bhuidseat cuideachd.

Tha uallach air an riaghaltas an suidheachadh sin a sheachnadh an turas-sa.

Ach ann am bliadhna an taghaidh, chan ann gu furasta a gheibh iad an taic a tha dhìth orra bho na pàrtaidhean eile.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.