Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Glaschu an Ear...a-rithist

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-01-11, 15:00

Bha mi air ais ann an Glaschu an Ear an-diugh.

Chuir mi seachad grunn sheachdainnean anns an sgìre aig àm an fho-thaghaidh ann an 2008.

Agus tha cuimhne shoillear agam air an oidhche nuair a ghoid Iain Mason an sgìre airson an SNP airson a' chiad uair a-riamh.

Air an oidhche ud bha na nàiseantaich air an dòigh agus deòir ann an sùilean nan Làbarach.

Ann an dòigh, cha do stad an iomairt airson Ghlaschu an Ear, ged a chaidh Mgr Mason a thoirt do Westminster airson an sgìre a riochdachadh.

Ach a-nis 's e blàs eadar-dhealaichte a tha oirre.

Airgead Eòrpach

An-diugh, bha Ailig Salmond agus Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, aig Colaiste Iain Wheatley ann an Easterhouse airson co-labhairt mu dheidhinn chosnaidhean.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear £34m de dh'airgead Eòrpach a bhios a' chruthachadh - da rèir-san - 193 dreuchd ann an Alba.

Thèid £18m dhiubh sin a chosnadh air pròiseactan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.

Mhol Mgr Murphy na bha Riaghaltas Bhreatainn a' dèanamh gus taic a thoirt do chosnaidhean ann an Alba.

Thuirt an dithis gun robh iad airson poileataigs fhàgail aig an doras.

Cha robh i fad air falbh ge-tà.

Fìor dhuilich

Tha Màiread Curran airson an sgìre fhaighinn air ais airson nan Làbarach aig an taghadh.

B' ise a sheas an aghaidh Iain Mason anns an fho-thaghadh agus a bhios a' riochdachadh Baillieston ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chan eil ach 365 bhòt eadar an dà phàrtaidh - cha b' urrainn dha bhith na b' fhaisge.

Gu ruige 2008 bha Glaschu an Ear na sgìre Làbarach cha mhòr bhon a thàinig am pàrtaidh Làbarach gu bith.

Dh'aidich duine ann an iomairt nan nàiseantach dhomh gum biodh e fìor dhuilich dhaibh grèim a chumail air an sgìre.

'S e seo tè dhe na sabaidean as cruaidhe a bhios ann an Alba nuair a thig an taghadh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.