Â鶹ԼÅÄ

Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig

COTHROMAN ¶Ù¸éÀ²Ñ´¡ GOIRID AGUS AITHRISEACH CHLOINNE 2025

Tha Â鶹ԼÅÄ ALBA air leth toilichte aon uair eile a bhith ann an com-pàirteachas leis an EBU (Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa) co-cheangailte ri prògraman »å°ùà³¾²¹ goirid agus aithriseach chloinne. Nì gach companaidh soirbheachail aon »å°ùà³¾²¹ agus/no prògram aithriseach 15-mionaid a thèid a cho-roinn agus a chraoladh air feadh na Roinn Eòrpa.

Is e cothrom cruthachail sònraichte a tha seo dha sgrìobhadairan, stiùirichean agus riochdairean. Bidh an sgeama a’ tabhann comhairleachadh bho phrìomh dhaoine sa ghnìomhachas a thuilleadh air deasbad, taic agus fios air ais bho luchd-dèanamh fhilmichean Eòrpach eile. Bidh filmichean air an dèanamh mar phàirt den phrìomh thaisbeanadh eadar-nàiseanta seo gu cunbhalach a’ dol air adhart gu bhith a’ cosnadh dhuaisean air feadh an t-saoghail.

 

 

¶Ù¸éÀ²Ñ´¡

Os-shealladh

• Cuspair: “A’ buintinnâ€

• Fad: 14’45â€

• Luchd-amhairc: Aois 8-12

• Castadh: cleasaichean cloinne le Gàidhlig aig cridhe na sgeòil.

• Gnè: Tha sinn fosgailte do gach gnè a tha tarraingeach do luchd-amhairc òg, agus a tha iomchaidh airson aois.

• Stoidhle: Cinematic agus air a ghearradh gus leigeil le tionndadh gu cànanan eile

°ä±ôà°ù-ama

• Coinneamh buidhinn sgriopt – tràth sa Chèitean 2025

• Riochdachadh - Iuchar/Lùnastal 2025 (saor-làithean sgoile)

• Lìbhrigeadh gu EBU/Â鶹ԼÅÄ ALBA - deireadh an Dàmhair 2025

• Coinneamh sgrìonaidh – tràth san Dùbhlachd 2025

• Craoladh air Â鶹ԼÅÄ ALBA - Nollaig 2025

Maoineachadh

• Bidh maoineachadh suas gu £80,000 bho MG ALBA airson an tagradh »å°ùà³¾²¹ soirbheachail


AITHRISEACH

Os-shealladh

• Cuspair: “Is urrainn dhomh a dhèanamh!â€

• Fad: 14’45â€

• Luchd-amhairc: Aois 8-12

• Castadh: Nighean no balach le Gàidhlig (gun a bhith nas sine na 12) aig cridhe na sgeòil agus bu chòir dhaibh sgeulachd mu dhùbhlan pearsanta innse nam faclan fhèin le glè bheag de chuideachadh bho inbhich.

• Stoidhle: Cinematic, observational agus air a ghearradh gus leigeil le tionndadh gu cànanan eile

°ä±ôà°ù-ama

• Coinneamh buidheann riochdachaidh air-loidhne – Màrt 2025

• Riochdachadh - Iuchar/Lùnastal 2025 (saor-làithean sgoile)

• Coinneamh rough-cut - Sultain 2025

• Lìbhrigeadh gu EBU/Â鶹ԼÅÄ ALBA - deireadh an Dàmhair 2025

• Coinneamh sgrìonaidh – tràth san Dùbhlachd 2025

• Craoladh air Â鶹ԼÅÄ ALBA - Nollaig 2025

Maoineachadh

• Bidh maoineachadh de £16,000 bho MG ALBA airson an tagradh program aithriseach soirbheachail 

FIOSRACHADH EILE

• Tha Àrd-Riochdairean fhèin aig an EBU airson gach cuid an »å°ùà³¾²¹ agus aithriseach a bhios mar phàirt den chiad phròiseas taghaidh agus a bhios ag obair còmhla ris na sgiobaidhean riochdachaidh soirbheachail

• Tha feum aig an EBU air còraichean agus cead air feadh an t-saoghail airson 10 bliadhna agus còraichean eile a tha a’ ciallachadh gu bheil an cùmhnant neo-àbhaisteach

• Às dèidh craoladh bithear an dùil gun cuir an riochdaire am film a-steach airson farpais air cuairt na fèise eadar-nàiseanta (deich tagraidhean aig a’ char as lugha)

• Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus eisimpleirean de dh’fhilmichean bho bhliadhnaichean roimhe rim faighinn

• A thuilleadh air maoineachadh MG ALBA, tha sinn an dùil gun cuir a’ chompanaidh shoirbheachail a-steach iarrtas maoineachaidh gu Sgrìon Alba agus airson creideasan cìse Prògram TBh Cloinne na RA.

Sgrion Alba:

Faochadh chìsean (tro theisteanas creideasan cìse BFI):


PRÃ’ISEAS TAGRAIDH

• Airson »å°ùà³¾²¹, feuch an cuir sibh a-steach co-dhiù dà bheachd sgeulachd mar phàirt den tagradh agaibh. Bu chòir gum bi iad seo dà dhuilleag aig a’ char as fhaide agus thathas ag iarraidh geàrr-iomradh agus chan e sgriobtaichean air fad

• Ged a tha sinn a’ brosnachadh chom-pàirtichean ùra, faodaidh sgrìobhadairean »å°ùà³¾²¹ soirbheachail bho bhliadhnaichean roimhe seo cur a-steach.

• Airson prògram aithriseach, feuch an cuir sibh a-steach co-dhiù dà bheachd sgeulachd/cuspair mar phàirt den tagradh agaibh. Bu chòir gum bi ruidhlichean castaidh de na caileagan/balaich a tha san amharc air am filmeadh air fòn-làimh.

• Beachdaichidh sinn air cuspairean bho chuairt tagraidh aithriseach na bliadhna an-uiridh fhad ‘s nach bi iad nas sine na 12 bliadhna a dh’aois aig àm filmeadh.

• Airson gach cuid »å°ùà³¾²¹ agus aithriseach, feuch an cuir sibh cuideachd geàrr-chunntas air eòlas riochdachaidh agus comharra air prìomh thàlant.

• Thoir an aire gum feum na sgrìobhadairean agus na stiùirichean a tha ceangailte ris a’ mholadh a bhith nan luchd-labhairt na Gàidhlig, a bharrachd air na cleasaichean/clann air an sgrion.

• Ged a dh’iarras sinn gun tèid tagraidhean a stiùireadh tro chompanaidhean, tha sinn a’ tuigsinn a thaobh »å°ùà³¾²¹ nach bi ceanglaichean aig a h-uile sgrìobhadair san roinn riochdachaidh - agus mar sin feuchaidh sinn ri dàimhean a thogail. Bu chòir do sgrìobhadairean le ùidh fios a chuir gu Bill Macleòid aig an t-seòladh post-d gu h-ìosal ro cheann-latha an tagraidh.

• Faodaidh companaidhean tagradh a dhèanamh airson sgeamaichean »å°ùà³¾²¹ no aithriseachd – neo an dà chuid.

• Ceann-là airson tagraidhean - 31.01.25 @ 1700

• Co-dhùnadh coimiseanaidh – 21.02.25

• Bu chòir tagraidhean a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

• Ma tha ceist sam bith agad cuir fios gu bill.macleod@mgalba.com

 

Cuairt Coimiseanaidh Â鶹ԼÅÄ ALBA & Â鶹ԼÅÄ Scotland airson Dràma Didseatach sa Ghàidhlig

 

Tha Â鶹ԼÅÄ Scotland agus Â鶹ԼÅÄ ALBA gu bhith ag obair còmhla ann an dòigh ùr inntinneach gus riochdachadh Gàidhlig a mhaoineachadh ann an Alba. Le maoin co-choimiseanaidh de £800k thairis air dà bhliadhna, maoinichte leis a’ BhBC agus MG ALBA, bidh na seanailean seo ag obair còmhla gus pròiseactan ùra a lorg airson luchd-amhairc fharsaing, agus a bhios rim faicinn air grunn ùrlaran mar iPlayer, YouTube, agus TBh. Bithear a’ sireadh bheachdan sa Ghàidhlig ann an gnèithean sònraichte thar dà bhliadhna le cothroman airson leasachadh tàlant cruthachail anns a’ Ghàidhealtachd is Na h-Eileanan.

Bidh a’ chiad chothrom riochdachaidh airson »å°ùà³¾²¹ a gheibh a’ chiad shealladh ann an riochd didseatach agus a tha ag amas air luchd-amhairc nas òige. Air am brosnachadh le na »å°ùà³¾²¹than goirid soirbheachail aig Â鶹ԼÅÄ Scotland, Float agus Dog Days, a choisinn duais »å°ùà³¾²¹ bho Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba am-bliadhna, bidh na »å°ùà³¾²¹than didseatach seo mu dheich mionaidean a dh’fhaid agus air foillseachadh air Â鶹ԼÅÄ iPlayer agus YouTube Â鶹ԼÅÄ ALBA. Às dèidh ùine leasachaidh, bithear ag amas gum bi am pròiseact soirbheachail air a riochdachadh ann an 2025.

Thig cothroman airson beachdan aithriseach is cur-seachad nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Tha an cothrom seo ag amas air sgil riochdachaidh a thogail agus tàlant òg le Gàidhlig a bhrosnachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Cothrom airson »å°ùà³¾²¹ ùr didseatach sa Ghàidhlig

Tha Â鶹ԼÅÄ ALBA agus Â鶹ԼÅÄ Scotland a’ sireadh bheachdan airson sreath »å°ùà³¾²¹ ùr ann an cruth goirid a bhios ag amas air luchd-amhairc nas òige air làraich didseatach. Ann an cruth coltach ri na »å°ùà³¾²¹than goirid soirbheachail aig Â鶹ԼÅÄ Scotland mar Float agus Dog Days, a choisinn duais »å°ùà³¾²¹ bho Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba am-bliadhna, bu chòir dha na beachdan »å°ùà³¾²¹ didseatach a bhith mar sreath de dh’irisean goirid de dheich mionaidean a dh’fhaid ag amas gu sònraichte air Â鶹ԼÅÄ iPlayer agus seanail YouTube Â鶹ԼÅÄ ALBA.

Tha sinn fosgailte do raon fharsaing de bheachdan thar gnèithean drama eadar-dhealaichte. Bu chòir sgeulachdan a bhith sgiobalta, a’ greimeachadh an luchd-amhairc bhon toiseachd, a’ dèiligeadh ri cuspairean a tha iomchaidh do luchd-amhairc eadar 16-24 bliadhna a dh’aois. Ge bith an e sgeulachd mu bhith a’ fàs suas, cuspair oillteil, ficsean saidheansail no romansach, bu chòir riochdairean a bhith soilleir ciamar a bheir a’ bheachd aca buaidh ann am margaidh »å°ùà³¾²¹ òigridh fharpaiseach. Ged a tha sinn a’ cur fàilte air eirmseachd, chan eil sinn a’ coimhead airson comadaidh sitcom no taisbeanaidhean stèidhichte air sgeidse san t-seadh àbhaisteach.

Chan eil an cothrom »å°ùà³¾²¹ seo a’ toirt taic do sgeulachdan fa-leth no monologan agus bu chòir dhan a’ bheachd a bhith stèidhichte air sreath irisean, le dùbhlain agus caractaran tarraingeach a bhios sinn airson leantainn gu deireadh. Beachdaichidh sinn, ge-tà, air dòighean-obrach is stoidhle a thaobh tachartasan a tha a’ tighinn ri buidseat didseatach leithid clàradh gun stad, »å°ùà³¾²¹than air am filmeadh air fòn-làimhe, Dogme 95 msaa (ged a tha stoidhle telebhisean nas traidiseanta iomchaidh cuideachd!)

Tha sinn a’ miannachadh tàlant Gàidhlig a leasachadh agus mar sin feuch an cùm sibh seo na ur cuimhne nuair a choimheadas sibh air an tàlant air-sgrion agus far-sgrion a tha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ toirt a’ bheachd gu buil. Tha dàimh dha rìreabh ri dualchas agus cànan cudromach. Chan eil sinn a’ sireadh bheachdan a chaidh an cruthachadh bho thùs sa Bheurla, no a dh’fheumas an eadar-theangachadh. Ach ghabhadh sinn ri co-obrachadh eadar sgrìobhadairean Gàidhlig agus Beurla.

Bu chòir tagraidhean a thighinn tro chompanaidh riochdachaidh Albannach ach feumaidh iad innse gu soilleir mar a tha an tairgse a’ toirt taic do leasachadh tàlant agus riochdachadh air Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba.

Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan aig a bheil tàlant cruthachail (sgrìobhadairean, stiùirichean, riochdairean) taobh a-staigh, no às, an sgìre.

Bheir sinn cuideachd cuideam gu pròiseactan anns a bheil dhà no barrachd de na h-eileamaidean a leanas air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

• Sgeulachdan

• Làraich clàraidh

• Riochdachadh

• Bunait companaidh

Chuireadh sinn fàilte air com-pàirteachasan eadar companaidhean riochdachaidh mura bheil fear dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Mas e sgrìobhadair Gàidhlig a th’ annaibh aig a bheil ùidh sa chothrom seo ach nach eil cinnteach ciamar a nì sibh ceangal ri companaidhean riochdachaidh, cuiribh post-d gu Bill Macleòid – bill.macleod@mgalba.com – airson taic.

Faodaidh sgeama cànain measgaichte a bhith aig na prògraman, ach bu chòir gum biodh a’ Ghàidhlig na prìomh chànan an-còmhnaidh.

Tha »å°ùà³¾²¹ didseatach na ghnè le prìs ìosal, eadar £3k-£4k gach mionaid, agus bhiodh sinn an dùil gun toireadh riochdairean cumadh air am beachdan agus meud an sgioba lìbhrigidh dha rèir – no trusadh luchd-maoineachaidh a bharrachd gus am buidseat riochdachaidh iomlan àrdachadh.

Bu chòir geàrr-chunntas de bheachdan a chur a-steach ro 6/1/25. Thèid leasachadh cuid de phròiseactan a mhaoineachadh ro cho-dhùnadh riochdachaidh as t-Earrach 2025. Feuch an cuir sibh a-steach fiosrachadh mun sgrìobhadair agus sampall sgrìobhaidh sa Ghàidhlig le tar-sgrìobhadh Beurla.

Bu chòir tagraidhean a chur gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk

Tha an cothrom seo mar phàirt de ghealladh dà-bhliadhna bho Â鶹ԼÅÄ Scotland agus Â鶹ԼÅÄ ALBA gus taic a thoirt do chothroman riochdachaidh Gàidhlig le tuilleadh chothroman aithriseach is cur-seachad rin ainmeachadh nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

 

CUAIRT COIMISEANADH GEAMHRAIDH Â鶹ԼÅÄ ALBA 2024/25

’S e seanail adhartach a bhuinneas don là an-diugh a th’ ann am Â鶹ԼÅÄ ALBA le Gàidhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing, agus tha ar n-amasan mòr. Tha sinn airson luchd-amhairc air feadh Alba agus nas fhaide air falbh a ghluasad agus a bhrosnachadh le sgeulachdan làidir daonna agus seallaidhean gun samhail. Tha sinn a’ lorg bheachdan sgairteil agus dàna. Siuthadaibh, cuiribh iongnadh oirnn!

Tha an gairm seo ag amas air beachdan aithriseach. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson prògraman dàna is gaisgeil a bhuannaicheas luchd-amhairc farsaing – a bharrachd air beachdan a dh’fhaodas aithne chudromach a choileanadh don t-seanail. Tha càileachd a’ bhun-bheachd agus a choileanadh cruthachail bunaiteach dhuinn. Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach, chuireadh sinn fàilte air beachdan le com-pàirtichean dearbhte eile, no aig a bheil comas sin a thàladh.

CINN-LÀ THAGRAIDHEAN

• Tha a’ chuairt seo ag amas air prògraman is urrainn a cho-lìonadh ann an 2025.

• Ceann-là airson beachdan – Diluain 6 Faoilleach 2025, 5f

• Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/Â鶹ԼÅÄ â€“ Dihaoine 24 Faoilleach 2025, 5f

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

PRÃŒOMHACHASAN COIMISEANAIDH

³Ò±·Ãˆ±õ°Õ±á·¡´¡±·

• Tha sinn a’ sireadh beachdan aithriseach agus cur-seachad a tha àrd-amasach. Chuirear fàilte gu h-àraidh air prògraman le caractaran làidir agus sgeulachdan co-cheangailte ri na cuspairean a th’ air bilean an t-sluaigh.

• Tha sinn cuideachd a' coimhead airson beachdan aithriseach ann an cruth goirid agus cur-seachad a tha ag amas air deamografach 16-35 airson fhoillseachadh didseatach an toiseach.

• Ged a tha an doras fosgailte do phrògraman aithriseach mu cheòl chan eil sinn a' sireadh molaidhean a tha gu ìre mhòr nan taisbeanaidhean le còmhdach fìrinneach. Ach tha fàilte air prògraman aithriseach fad-ùine, àrd-ìre a bhios a’ lìbhrigeadh gach cuid aig ìre thèatar agus craolaidh.

• Anns a' chuairt seo chan eil sinn a' toirt prìomhachas do chuspairean eachdraidheil.

PRÌOMHACHASAN CLÀIR

Tha sinn a’ sireadh beachdan sònraichte, tarraingeach airson a’ chlàr loidhneach aig prìomh àm a bheir buaidh cuideachd air iPlayer.

Tha fàilte cuideachd air beachdan didseatach cruth goirid. Tha sinn a’ sireadh dhòighean-obrach ùr-ghnàthach a thaobh mar a tha susbaint air a phacaigeadh agus air a thaisbeanadh do luchd-amhairc nas òige (16-35), biodh e mar shusbaint iPlayer-an toiseach, airson Â鶹ԼÅÄ ALBA YouTube no airson an t-seanail loidhneach. Tha buaidh cudromach. Bu chòir prògraman cruth goirid a bhith air am faicinn mar shusbaint làidir annta fhèin, chan e airson a bhith a’ lìonadh a’ chlàir. Bidh mìneachadh soilleir air an luchd-amhairc air a bheileas ag amas, stoidhle susbaint agus gràmar cruth goirid eile riatanach airson coimisean.

DREACH AGUS FAD

Tha sinn fosgailte do mholaidhean airson prògraman singilte agus sreathan goirid. Feumaidh prògraman singilte sealltainn mar a tha iad sònraichte le smuaintean air mar a nithear margaidheachd làidir.

Gabhaidh sinn dòigh-obrach sùbailte a thaobh faid. Is e am prìomh rud gu bheil an cruth a’ freagairt air a’ phrìomh mholadh agus nach eil e air a leudachadh gu fad neo-riaghailteach.

Beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach singilte feature length (a’ gabhail a-steach a’ ghnè ciùil) aig a bheil cearcall-beatha cinematic/fèille mus nochd iad air TBh loidhneach. Thathas an dùil gum bi co-mhaoineachadh aig prògraman aithriseach mu thràth no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh creidsinneach na àite.

TAGRAIDHEAN

• Thoir dhuinn iomradh goirid cruthachail mu aon duilleag A4 gach prògram, le tiotal (Gàidhlig is Beurla), an sgeulachd ann an seantans, fios mun dreach, agus samhla air ìomhaigh airson iPlayer.

• Tha cuideachd fiosrachadh mu phrìomh thàlant le ùidh dearbhte sa phròiseact a dhìth cuide ri fiosrachadh mu chothroman meadhanan didseatach.

• Seall gu bheilear air smaoineachadh mu ùidh luchd-amhairc a thogail anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.

• Cuiridh sinn fàilte air blas bhidio de na prògraman – riatanach ma tha sibh a’ moladh tàlant ùr.

• Faodar cothrom a thoirt dhuibh am moladh a chuir sibh a-steach a leasachadh tro chòmhradh le coimiseanairean.

• Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman airson maoineachadh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail - 

Creideasan Cìse BFI - 

 

Cò Sinn?

  • Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach 
  • Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron 
  • Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
  • Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
  • Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: